
17/06/2014
An-diugh tha Ishi NicIlleathain ag innse mun turas aice mu chuairt Afraga. Ishi Maclean talks about her trip around Africa.
Tha Linda NicLeòid air a bhith a' leughadh an leabhar "The Little Old Lady Who Broke all the Rules" le Catharina Ingelman-Sundberg. Tha an sgeulachd stèidhichte air Martha Andersson a tha airson briseadh a-mach às an dachaigh cùram far a bheil i a' fuireach. Tha Martha agus ceathrair charaidean a' dol an aghaidh a h-uile riaghailt anns an dachaigh agus tha'd ag adhbharachadh ùpraid uabhasach nuair a thòisicheas a chleasachd aca, a' dol an aghaidh àm cadail agus biadhanan phlastaig.
Tha Marie NicMhathain air ais leis an t-sreadh aice air stiùirichean film agus an t-seachdain seo tha i air a bhith a' rannsachadh an obair aig Danny Boyle a tha ainmeil airson filmaichean leithid Slumdog Millionaire, Shallow Grave agus 28 Days Later.
Agus tha Ishi NicIlleathain ag innse mun turas mhòr fhada aice mu chuairt Afraga. [email protected].
Last on
Broadcast
- Tue 17 Jun 201412:03BBC Radio nan Gàidheal