
12/06/2014
An-diugh sgeulachd beatha an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionnghain nach maireann. Today the life and work of Professor Donald MacKinnon. bbc.co.uk/coinneach.
Air an deireadh sheachdain 'sa chaidh bha Urras Leabhraichean nan Eilean a' comharrachadh gun robh ceud bliadhna ann bho chaochail an t-Ollamh Dòmhnall MacFhionnghain a bhuinneadh do dh' Eilean Cholbhasaigh. B' esan a' chiad fhear riamh a bha anns a' Chathair Cheilteach aig Oilthigh Dhùn Èideann. Gheibh sinn fiosrachadh air beatha agus obair Dhòmhnaill bho Rob Dunbar a tha an-diugh anns an aon dreuchd leis.
Le Cupa na Cruinne a tòiseachadh an-diugh fhèin gheibh sinn a-mach an tuilleadh mu Charles Miller. Ged a tha e duilich a chreidsinn, thathar ag ràdh nach robh for aig Brazil mu dheidhinn ball-coise gus an do nochd an duine seo anns an dùthaich le bàla fo gach achlais.
A' fuireach aig a' bhall-coise, leis an naidheachd gu bheil sgioba ball-coise Hibs air caoiteas fhaighinn dhen mhanaidsear aca Terry Butcher nach eil air a bhith ann ach faisg air ochd mìosan, dè an t-slighe air adhart dhan sgioba agus iad air tuiteam sìos dhan chiad lìog?
Cuideachd tha an t-eòlaiche choimpiutairean Dòmhnall Dòmhnallach a' beachdachadh a bheil luach fhathast aig seòlaidhean làraich-lìn ann an àm far a bheil e cho furasta làraich a' lorg. [email protected].
Last on
Broadcasts
- Thu 12 Jun 201409:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 12 Jun 201421:00BBC Radio nan Gàidheal