
11/06/2014
A' comharrachadh toiseach Cupa na Cruinne le prògram sònraichte mu Bhraisil. A special programme on Brazil as it prepares for the World Cup kick-off.
An-diugh tha sinn a' comharrachadh gu bheil Cupa na Cruinne a' tòiseachadh ann am Braisil a-màireach.
Tha Màiri NicAmhlaigh ag innse mun eòlas a th'aice air an dùthaich agus i air a bhith a' tadhal ann airson iomadh bliadhna. Gheibh sinn beachd air staid pholitigeach na dùthcha bho neach-politigeach Radio nan Gàidheal Mìcheal Macnèill. Tha Màiri Alice Bartlett a' cuimhneachadh cho ainmeil agus a tha an dùthaich airson cofaidh agus tha Daibhidh Byrne a' bruidhinn air baile mòr Rio agus na tha ann do luchd-turais. Cuideachd tha Derek Pluto Moireach a' toirt sùil air adhart air farpais mòr Cupa na Cruinne. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Rio ann am Brasil

Duais Cuach na Cruinne

Fortaleza ann am Brasil

Broadcast
- Wed 11 Jun 201412:03BBC Radio nan Gàidheal