Main content

Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.

5 minutes

Last on

Sun 1 Jun 201414:55

Clip

Litir 776: Faclan fillte à Faclair Armstrong Pàirt 2

Tha sinn ag obair tron aibidil ann an seann fhaclair Armstrong, a’ lorg fhaclan-fillte a tha iongantach no annasach. Agus seo facal dhuibh – gnùis-nàire. Gnùis-nàire. Bidh fios agaibh dè th’ ann an nàire – shame, embarrassment. Agus gnùis – uill, ’s e sin d’ aodann, no an coltas air d’ aodann. Gnùis-nàire – bashfulness, shamefacedness.

Is gann na faclan againn a tha a’ tòiseachadh le ‘h’. Mar sin, thèid sinn gu ‘i’. Agus seo facal – ion-phòsta. Ion-phòsta. ’S e buadhair a th’ ann. Nuair a tha ion- air beulaibh facal eile, tha e a’ ciallachadh fit for no worthy of. Tha neach a tha ion-phòsta airidh air a bhith pòsta. Tha e marriageable.

Agus lèigh-losgadh. Lèigh-losgadh. Tha lèigh co-cheangailte ri slànachadh, nach eil? Tha e a’ ciallachadh dotair, physician. Bidh sibh eòlach air an fhacal leigheas – rudeigin a bheir feabhas air neach a tha tinn. Agus losgadh – tha sin co-cheangailte ri teas mòr – burning. A bheil sibh a’ tuigsinn lèigh-losgadh a-nise? Cauterization.

Nise, facal a tha a’ tòiseachadh le ‘m’ – mòr-roinneach. Mòr-roinneach. ’S e stàit mhòr-roinneach a th’ ann an Canada – tha i air a roinn ann an diofar mhòr-roinnean. Tha Ontario na mhòr-roinn de Chanada, mar a tha Alba Nuadh. Mòr-roinn – province. Mòr-roinneach– provincial, air a dhèanamh de mhòr-roinnean.

Nuall-ghuthach. Sin facal dhuibh. Chanamaid gu bheil cuideigin nuall-ghuthach ma tha guth aca a tha a’ dèanamh nuallan. Nuall no nuallan – a lament, howl, wail, shriek. Nuall-ghuthach – having a howling voice no howling, roaring.

Bu toigh leam gluasad don treas litir dheug anns an aibidil Ghàidhlig – ‘o’. Agus tha facal-fillte brèagha agam dhuibh. ’S e ainmear a th’ ann – òr-mhadainn. Ma bhios sibh a’ leughadh bàrdachd Ghàidhlig, ’s dòcha gum bi sibh eòlach air. No air fear car coltach – òg-mhadainn. Òr-mhadainn – briseadh an latha, èirigh na grèine, the break of day. An t-àm dhen mhadainn nuair a tha solas le dath an òir ann. Chan eil àm nas brèagha na sin, a bheil?

An ath fhacal – prìomh-sheòl. Ma tha sibh eòlach air bàtaichean, gu h-àraidh bàtaichean-seòlaidh, ’s dòcha gum bi sin follaiseach. ’S e am prìomh-sheòl, an seòl as motha air gheat. The mainsail.

Agus ruadh-thuil. Ruadh-thuil. Gu litreachail tha sin a’ ciallachadh red-brown flood. Tha e a’ ciallachadh tuil air talamh mòintich far a bheil an t-uisge air a ruadhachadh.

Chan eil ach trì litrichean air fhàgail a-nise – ‘s’, ‘t’ agus ‘u’. Seo fear a’ tòiseachadh le ‘s’ – seach-labhairt. Seach-labhairt. Tuigidh sibh labhairt – bruidhinn. Agus seach – uill, air an taobh, seachad air, mar gum bitheadh. Tha seach-labhairt a’ ciallachadh speaking allegorically.

Tuil-dhoras. Sin am facal tuil a-rithist. Tuil-dhoras – a flood door. Dè th’ ann a sin? Uill, dà rud – a floodgate air neo the lock in a canal. Tuil-dhoras.

Agus am facal mu dheireadh – uim-sheòladair. Neach a bhios a’ seòladh uime. Tha uime stèidhichte air an roimhear mu. Tha e a’ ciallachadh about him no about it. Uim-sheòladair – circumnavigator. Saoilidh mi gu bheil sinn fhèin air uim-sheòladh gu leòr a dhèanamh timcheall an fhaclair an-dràsta. Beannachd leibh.

Faclan na Litreach

buadhair: adjective; slànachadh: healing; lèigh-losgadh: cauterization; ainmear: noun; bàtaichean-seòlaidh: sailing boats; gheat: yacht; seach-labhairt: speaking allegorically, allegorising; tuil-dhoras: a floodgate, lock in a canal.

Abairtean na Litreach

ag obair tron aibidil: working through the alphabet; a’ lorg fhaclan-fillte a tha iongantach no annasach: looking for compound words that are noteworthy or unusual; ’s e sin d’ aodann, no an coltas air d’ aodann: that’s your face or the look on your face; is gann na faclan againn a tha a’ tòiseachadh le: there are very few words that start with; airidh air a bhith pòsta: worthy of being married, fit to be married; rudeigin a bheir feabhas air neach a tha tinn: something that improves the condition of a person who is sick; ’s e stàit mhòr-roinneach a th’ ann an Canada: Canada is a provincial country (ie it is a federation of provinces); air a roinn ann an diofar mhòr-roinnean: divided into different provinces; chanamaid gu bheil cuideigin nuall-ghuthach: we’d say that somebody is nuall-ghuthach; ma tha guth aca a tha a’ dèanamh nuallan: if their voice is shrieky; bu toigh leam gluasad don treas litir dheug anns an aibidil Ghàidhlig: I’d like to move to the 13th letter in the Gaelic alphabet; an t-àm dhen mhadainn nuair a tha solas le dath an òir ann: the time of the morning when the light is golden; tuil air talamh mòintich far a bheil an t-uisge air a ruadhachadh: a flood in peaty country where the water is reddened (by tannins); saoilidh mi gu bheil sinn fhèin air uim-sheòladh gu leòr a dhèanamh timcheall an fhaclair an-dràsta: I reckon we have ourselves done enough circumnavigation of the dictionary for now.

Puing-chànain na Litreach

Ion-phòsta: marriageable. In principle, one ought to be able to construct new ion- words that are not in the dictionary. Examples that are well-known are ionmholta ‘worthy of praise, praiseworthy’, ion-roghnaichte ‘worthy of choice, preferable’ and ion-mhiannaichte ‘worthy of desire, desirable’. What about ion-tòisichte ‘worthy of commencement’, ion-chuidichte ‘worthy of help’ and ion-ghlèidhte ‘worthy of keeping’? Would they work for you? Do you have any other examples?

Gnàthas-cainnt na Litreach

Is gann na faclan againn a tha a’ tòiseachadh le ‘h’: few are the words we have which start with ‘h’.

Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA

Broadcasts

  • Fri 30 May 201411:55
  • Sat 31 May 201410:55
  • Sun 1 Jun 201414:55

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast