
Episode 1
Alasdair MacEacharna mu chuairt an Ros, ceann a deas Eilean Mhuile, far na thogadh e. Attie MacKechnie recalls his upbringing and schooling in the Ross of Mull.
Rugadh Alasdair MacEacharna, neo Attie mar a b'aithneachear e, ann an 1925. Rugadh e air croit, dlùth do Bhun Easain, a bh' air a bhith san teaghlach airson còrr is 100 bliadhna, an ceann a deas Mhuile.
Bha ceathrar pheathraichean aige agus aon bhràthair.
An dèidh na sgoile, ghabh Attie gu muir, chuir e seachad greis ann an gàrraidhean-iarainn Bhaile Ghobhainn agus na thuathanach. Às a sin, thill e a Mhuile agus gu Eilean Idhe, far an robh e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh a h-abaid ainmeil.
Rinn Attie a dhachaigh ann a Fionnphort agus bha ùidh mhòr aige ann an eachdraidh agus dualchas Mhuile, 's gu h-àraid, an Ros, an ceann a deas an eilein.
Anns a' phrògram seo, tha e a' bruidhinn mu làithean-sgoile agus ag innse sgeulachdan bhon sgìre.
Chaidh am prògram a chlàradh ann an 2002. Chaochail Attie ann an 2005, aig aois 80 bliadhna.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Alasdair 'Attie' MacEacharna

Taing do Ionad Eachdraidh an Rois Mhuilich airson an dealbh. (Thanks to the Ross of Mull Historical Centre for the picture. Copyright: Ross of Mull Historical Centre)
Shiaba, An Ros Mhuileach

Taing do Ionad Eachdraidh an Rois Mhuilich airson an dealbh. (Thanks to the Ross of Mull Historical Centre for the picture. Copyright: Ross of Mull Historical Centre)
Burg bho Suidhe

Broadcasts
- Thu 15 May 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 15 May 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 18 May 201409:30BBC Radio nan Gàidheal