
04/04/2014
Sùil air na leabhraichean as ùire còmhla ri Mark Wringe; nam measg, leabhar na mìos, A New Race of Men le Michael Fry. Mark Wringe and guests discuss some of the latest books.
Ann am prògram na mìos-sa, bidh Mark Wringe agus aoighean a' còmhradh mu leabhar na mìos, A New Race of Men le Michael Fry. 'S ann mu eachdraidh baile Ghlaschu aig àm na h-impireachd a tha e, agus a' toirt sùil air còmhla ri Mark bidh dithis a tha min-eòlach air a' bhaile - Alasdair MacCaluim agus Calum Ros.
Cuideachd anns a' phrògram, cluinnidh sibh mu cho-chruinneachadh ùr de dh'ainmean-àite Eilean Ratharsair a chaidh a chuir ri chèile le Rebecca NicAoidh, agus bidh Fiona NicChoinnich aig Leabhar is Craic - latha litreachais na Gàidhlig air a chur air dòigh le Còmhairle nan Leabhraichean ann an Glaschu - gus barrachd fhaighinn a-mach mu sgeama litreachais ùr do luchd-ionnsaichaidh na Gàidhlig.
Last on
Broadcasts
- Fri 4 Apr 201417:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 5 Apr 201410:03BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Apr 201415:30BBC Radio nan Gàidheal