
100 bliadhna bho sheòl i às na h-eileanan
Gilleasbuig MacDhòmhnaill le eachdraidh eilthirich a' Mharloch a dh'fhàg sa Ghiblean 1923. Gilleasbuig MacDonald researches the Marloch emigrants from the Hebrides in April 1923.
Eadar dà sheoladh – a’ chiad fhear air 15mh den Ghiblean 1923 agus an dàrna fear air 29mh den Mhàirt 1924 - dh’fhàg mu chòig cheud eilthireach Beinn na Fadhla, Uibhist a Deas, Èirisgeidh agus Barraigh. Sheòl iad à Loch Baghasdail air bòrd an t-soithich am Marloch, is iad a’ dèanamh air Canada, gu St John, New Brunswick. Ach b’ ann air na prèiridhean farsaing a bha iad ag amas aig a' cheann thall. Agus cha b’ e am Marloch an aon soitheach, air na dh’fhalbh na ceudan às na h-eileanan - thug a Metagama, an Canada agus soithichean eile an earrann fhèin leotha.
Ach dè thug air àireamh cho mòr na h-eileanan fhàgail aig an àm? Cò a bha gam brosnachadh agus dè a bha a' feitheamh orra ann an Canada? Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill air a bhith a' faighinn a-mach.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
C.P.S. Victorian [Marloch]
![C.P.S. Victorian [Marloch]](https://ichef.bbci.co.uk/images/ic/160x90/p0fg4h0v.jpg)
Broadcasts
- Wed 26 Mar 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 26 Mar 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Mar 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 19 Jan 201512:03BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 19 Jan 201522:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 25 Jan 201513:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 10 Apr 202315:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 12 Apr 202320:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 16 Apr 202310:00BBC Radio nan Gàidheal
