
28/03/2014
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain le sgeulachd annasach mu fhear as a' Chumraigh le cluasan èibhinn. The week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 767
Duration: 05:00
Litir 767: Call a’ Chairnsmuir
Soitheach air sgeir. Deoch làidir air bòrd. Eileanaich Ghàidhealach a’ toirt uisge-beatha gu tìr gus nach biodh e air chall do na h-eileamaidean – no muinntir na cusbainn! Bidh sibh a’ smaoineachadh gu bheil mi a’ cuimhneachadh stòiridh an SS Politician a rinneadh ainmeil le Compton MacCoinnich anns an leabhar Whisky Galore. Chaidh an soitheach air na sgeirean faisg air Eirisgeigh agus chaidh mòran dhen uisge-bheatha air bòrd a ‘shaoradh’, mar gum bitheadh, leis na h-eileanaich.
Ach chan eil mi a’ bruidhinn mun Pholitician. Seasgad bliadhna roimhe sin, bha tubaist eile faisg air Tiriodh. Chan eil daoine cho eòlach oirre ’s a tha iad air gnothach a’ Pholitician.
Bhon a thogadh Taigh-solais na Sgeir Mhòir ann am meadhan an naoidheamh linn deug, mun robh mi a’ bruidhinn an t-seachdain sa chaidh, bha uisgeachan Thiriodh air a bhith na bu shàbhailte do luingeas. Ach bha tubaist a’ Chairnsmuir ann an ochd ceud deug, ochdad ’s a còig (1885) na dearbhadh gun robh cunnart ann fhathast.
Bha an Cairnsmuir, anns an robh mìle is ceud tonna de chuideam, a-mach à Hamburg air a slighe a Ghlaschu agus an uair sin a Shìonaidh. Chaidh i tron Chaol Arcach agus lean i seachad air a’ Pharbh far an do thionndaidh i gu deas. ’S e an samhradh a bh’ ann – mìos an Iuchair. Bha criutha air bòrd de shia duine fichead.
Lean an Cairnsmuir tron Chuan Sgìth. Chaidh i seachad air Taigh-solais Ùisinis ann an Uibhist mu leth-uair an dèidh naoi feasgar. Mu chairteal gu trì sa mhadainn bhuail i anns a’ Bhogha Mhòr far costa siar Thiriodh. Bha an soitheach a’ dol aig astar ochd mìle-mara san uair agus, mar sin, bha i air a milleadh gu mòr.
Thug an sgiobair an t-òrdugh an soitheach a threigsinn. Bha i a’ briseadh an-àirde. Rinn an criutha air tìr anns na geòlaichean aca.
Cha b’ fhada gus an robh eileanaich a’ dèanamh cobhair air na maraichean. ‘Dè bh’ agaibh air bòrd?’ dh’fhaighnich iad.
‘Uisge-beatha is leann, am measg eile,’ thuirt na maraichean. Cha robh ùidh aig na Tiristich anns an ‘eile’ ach, gu dearbh, bha ùidh aca anns an uisge-bheatha!
Chaidh iad a-mach don luing-bhrisidh airson na b’ urrainn dhaibh a thoirt gu tìr mus tigeadh muinntir na cusbainn. Bha stuth cuideachd a’ tighinn gu tìr leis an tìde-mhara air tràighean an eilein.
Nuair a thàinig muinntir na cusbainn, dh’fheuch iad ri teicheadh a chur air na h-eileanaich. Ach fhuair iad droch-bheul. Bha na Tiristich a’ dòrtadh uisge-beatha a-steach gu soithichean eile. Chan fhaigheadh na h-oifigearan cusbainn an uair sin ach botail fhalamh.
Aon turas chunnaic oifigearan cusbainn bogsa air flod. Bha iad an dùil gun robh e làn uisge-bheatha. Bha iad a’ dèanamh dheth gun tigeadh e gu tìr anns an ath bhàgh. Ach fhad ’s a bha iad a’ cumail sùil air, agus a’ coiseachd a dh’ionnsaigh an ath bhàigh, thug eileanach, air an robh MacUalraig mar ainm, a chuid aodaich gu lèir dheth. Leum e don uisge, shnàmh e a-mach agus thug e am bogsa gu tìr.
Bha na h-oifigearan a’ dol a chur stad air, ach nochd buidheann mhòr de dh’eileanaich airson taic a thoirt dha, agus shaoil muinntir na cusbainn gum biodh e glic dhaibh gun a bhith anns an rathad. Agus ’s e sin agaibh stòiridh call a’ Chairnsmuir.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
: gus nach biodh e air chall: so that it wouldn’t be lost; chaidh mòran dhen uisge-bheatha air bòrd a ‘shaoradh’, mar gum bitheadh: much of the whisky on board was ‘liberated’, as it were; bha uisgeachan Thiriodh air a bhith na bu shàbhailte do luingeas: the waters of Tiree had been safer for shipping; bha X na dearbhadh gun robh cunnart ann fhathast: X was proof that there was still danger; chaidh i tron Chaol Arcach: she went through the Pentland Firth; seachad air a’ Pharbh far an do thionndaidh i gu deas: past Cape Wrath where she turned south; mìos an Iuchair: the month of July; bha criutha air bòrd de shia duine fichead: there was a crew on board of twenty-six; bhuail i anns a’ Bhogha Mhòr far costa siar Thiriodh: she struck the Bogha [submerged rock] Mòr off the west coast of Tiree; astar ochd mìle-mara san uair: a speed of eight knots; bha i air a milleadh gu mòr: she was badly damaged; a’ briseadh an-àirde: breaking up; cha b’ fhada gus an robh eileanaich a’ dèanamh cobhair air na maraichean: it wasn’t long until islanders were helping the mariners; a-mach don luing-bhrisidh: out to the shipwreck; airson na b’ urrainn dhaibh a thoirt gu tìr mus tigeadh muinntir na cusbainn: to get what they could ashore before the customs and excise folk came; a’ tighinn gu tìr leis an tìde-mhara air tràighean an eilein: coming ashore with the tide on the island’s beaches; ri teicheadh a chur air na h-eileanaich: to chase away the islanders; botail fhalamh: empty bottles; thug X a chuid aodaich gu lèir dheth: X took all his clothes off.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
Thug an sgiobair an t-òrdugh an soitheach a threigsinn: the captain gave the order to abandon [the] ship.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 28 Mar 201411:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 29 Mar 201410:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Mar 201414:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




