
An Dotair Coinneach Robasdan - Na deilbh aig an Dotair
Ann am baga an Dotair Robasdan bha cungaidhean-leighis, innealan-obrach agus camara. Dr Robertson's bag contained medicines, a stethoscope and, equally important, his camera.
Bha an Dotair Robasdan tric ri fhaicinn a' cliogadh air a' chamara aig bainnsean ann an Uibhist agus Èirisgeigh. Am measg dealbhan nam bainnsean a tha anns a' chruinneachadh aige, tha an latha mòr aig Mairead Maynard nuair a phòs i Ailig Mac a' Phì. Tha Mairead ag innse mun a' chàirdeas a sheall an Dotair agus a bhean rithe air an la mòr aice agus i a' faireachdainn "dìreach mar royalty".
Tha ùidh mhòr air a bhith aig Eòghainn MacFhionghuin anns a' chruinneachadh aig an Dotair agus tha e a còrdadh ris gu mòr a bhith a' faicinn na dealbhan a chaidh a thogail de na bàtaichean iasgaich agus iad a' toirt turais a Mhallaig agus briosgaidean gu chuimhne. Cluinnear cuideachd beagan eachdraidh mu chàr annasach a nochd ann an Èirisgeigh anns na trì ficheadan, 's e a' cheist, cò leis a bha i agus ciamar a fhuair iad an car mòr seo chun an eilean, fada ron chabhsair! Agus cò an leabaidh anns an robh a' chaora a' cadal!
Last on
More episodes
An Dotair Robasdan

An Dotair Robasdan

Broadcasts
- Thu 3 Apr 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 3 Apr 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Apr 201409:30BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Day 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Day 201418:30BBC Radio nan Gàidheal
