
26/03/2014
Lèirmheas dhen dealbh-chluich Union a chaidh Pàdraig MacAoidh a dh'fhaicinn ann an Dùn Èideann. Peter MacKay reviews the play Union, now showing in Edinburgh. bbc.co.uk/feasgar.
Am measg na tha aig Cathy NicDhòmhnaill an-diugh tha Latha nam Màthraichean a tha air fàire airson an deireadh sheachdain 's a tighinn. Tha triùir gu bhith a' bruidhinn mu dheidhinn an àite a th'aig màthair ann an teaghlach agus an càirdeas a tha eadarra i fhèin agus a cuid chloinne.
Cuideachd, tha Gillebrìde MacIlleMhaoil ag innse mu Forcan Beaga, dealbh-chluich anns a bheil e fhèin an sàs an-dràsta. 'S e sgeulachd bàrdail a tha seo mu dheidhinn piuthar agus bràthair a tha a' tilleadh air ais gu Tighnabruaich ann an Alba far am b'àbhaist dhaibh a bhith a' dol air làithean saora còmhla ri am pàrantan.
Tha Pàdraig MacAoidh a' toirt aithris air an dealbh-chluich Union a tha ri fhaicinn ann an Dùn Èideann an-dràsta.
Am measg a' chiùil tha Aloe Blacc, Needtobreathe agus gu leòr eile. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Wed 26 Mar 201412:03BBC Radio nan Gàidheal