
21/03/2014
Dan Moireach agus Dòmhnall Màrtainn a' toirt slaic air naidheachdan na seachdain. Dan Murray and Donald Martin take a look back at the week's news. bbc.co.uk/coinneach.
Ma bha sibh ga ionndrainn, tha e air ais agus tha e cho frogail 's a bha e riamh. Cò eile ach Dan Moireach agus e air ais anns a' chathair aige fhèin air madainn Dihaoine airson slaic a thoirt air naidheachdan na seachdain. Ga chuideachadh tha Dòmhnall Màrtainn ach an toiseach feumaidh an dithis tomhas a dhèanamh air na criomagan carach aig Coinneach.
Cuideachd ro dheireadh a' phrògram tha Coinneach, le cuideachadh bho sgioba Radio nan Gàidheal ann an Steòrnabhagh, a cuir na'r cuimhne gur e Latha Sport Relief a th'ann. Tha cuid dhen luchd obrach air a bhith a' bèiceireachd airson a' chathrannais. Thèid na mìlsean a chuir mu choinneamh Dan, Dòmhnall agus Coinneach 's cothrom aca blasad orra airson sgillinn no dha. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
MV Loch Seaforth

Broadcasts
- Fri 21 Mar 201409:03BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 21 Mar 201423:00BBC Radio nan Gàidheal
