
Sgeulachd le Dòmhnall Macleòid - A' Dol dhan Sgoil
Seanchasan mu bheatha thràth ann am Beàrnaraigh, Leòdhais bho Dhòmhnall Macleòid. Tales from his childhood in Bernera, Lewis as told by the psychologist Donald Macleod.
"Chan eil unnainn ach eachdraidh, 's chan eil ann an eachdraidh ach cuimhne. 'S chan eil ann an cuimhne ach seòrsa de bhruadar, a tha air innse 's air ath-innse, fad cùrs' ar beatha. 'S mar as fhaide a tha sinn a' siubhal air slighe na beatha, 's ann as lugha a tha ar cuimhne, agus as motha a tha sinn a' cur ris."
Bha Dòmhnall MacLeòid a-riamh airson tuigsinn cò e, 's cò às a thàinig e. Bha e cinnteach gur e na bliadhnaichean a thug e na bhalach òg ann an Circeabost, an Eilean Bheàrnaraigh, Leòdhais a chruthaich e mar phearsa.
Sgrìobh agus dh'aithris e na sgeulachdan tha seo, dhar toirt air ais gu òige, nuair nach robh san teaghlach ach e fhèin agus nuair nach robh timcheall air ach inbhich. Cluinnidh sinn mu àm nuair a bha bò-bhleoghan sa h-uile taigh, agus nuair nach robh an dealan neo am bùrn air a thighinn dha na dachannan. Bha daoine trang a-muigh 's a-staigh ag obair còmhla air mòine 's air caoraich agus bha daoine a-mach 's a-steach à taighean a chèile gun sguir. Am measg sin, bha balach beag a' coimhead, 's ag èisteachd, 's a' ceusnachadh agus a' smaoineachadh mun t-saoghal a bha timcheall air.
Ann an t-seanchas seo tha Dòmhnall a' dol dhan sgoil airson a' chiad uair. Cha robh e air a bhith am Beàrnaraigh ach ùine ghoirid agus cha robh clann eile na sgoile eòlach air agus bha iad a' cur umhail air. Bha na daoine dha robh Dòmhnall rudeigin nas duirche sa chraiceann na mhòr-chuid de mhuinntir an àite agus cha robh na b' fheàrr na a bhith dha shamhlachadh ri na h-Innseanaich a bha a' ruith nam bailtean le ceas a' reic aodaich. Bha fàilt' air a chur orrasan ann an iomadach dachaigh agus iad a' tighinn le aodach leithid stocainnean naidhlean - nach robh furast' am faighinn - aig àm nach robh daoine fiù's a' dol a Steòrnabhagh ach ainneamh à Beàrnaraigh.
Last on
Clip
![]()
A' dol dhan sgoil
Duration: 02:59
Dòmhnall MacLeòid

Sgoil Bheàrnaraigh

Sgoil Bheàrnaraigh dhan deach Dòmhnall agus a mhàthair.
Broadcasts
- Fri 7 Mar 201411:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 8 Mar 201410:30BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Mar 201414:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 Dec 201417:10BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 2 Sep 201912:00BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 2 Sep 201922:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 8 Sep 201913:00BBC Radio nan Gàidheal
- Fri 30 Dec 202217:10BBC Radio nan Gàidheal
