
04/03/2014
Latha nam foileagan an-diugh - dà reasabaidh nach urrainn a dhol ceàrr. bbc.co.uk/feasgar. Two 'fool-proof' recipes to mark Pancake Day.
Latha nam Foileagan an-diugh agus tha Seonag Nic a' Ghobhainn anns a' chidsin le dà reasabaidh nach urrainn a dhol ceàrr. Tha Seonag a' measgachadh dà thaois a nì foileagan tana agus foileagan tiugh.
Chaidh Daibhidh Eyre a dh'fhaicinn The Book Thief as an taigh-dhealbh. Tha a' film seo stèidhichte air an leabhar aig Marcus Zusak a bha aig mullach liosta an fheadhainn a b'fheàrr a-reic aig a' New York Times airson còrr agus dà cheud seachdain. Tha an leabhar ag innse sgeulachd Liesel, nighean òg iongatach, mhisneachail a chaidh a dh'fhuireach còmhla ri teaghlach dalta anns A' Ghearmaillt aig àm an dàrna cogaidh. Saoil an dèan a' film cho math 's a rinn an leabhar? bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Foileagan

Foileagan bhlasta

Foileagan Radio nan Gàidheal

Reasabaidh airson Foileagan (Pancakes)
Tomhais ann am bobhla:
8 unnsaichean flùr-èirigh
¼ spàin bheag salainn
2 unnsa siùcar mìn
½ spàin bheag fùdar fuine
Ann am bobhla eile measgaich na leannas còmhla:
3 uighean
1 spàin mhòr ìm air a’ leaghadh
1 spàin bheag siorap
4 spàinean mòra bainne (na cuir am bainne uile ann aig an toiseach air eagal’s nach eil feum air uile)
Measgaich an dà bhobhla còmhla.
Leagh ìm air a’ ghreideal.
Dòirt làn spàin-bhùird den taois air a’ ghreideal – faodaidh tu dhà no thrì a chuir air còmhla. Tionndaidh iad nuair a nochdas builgeanan air na foileagan.
Gur math a thèid leibh.
Broadcast
- Tue 4 Mar 201412:03BBC Radio nan Gàidheal