
20/02/2014
Trì fichead agus a còig bliadhna deug bho nochd na stocainnean naidhlean air a' mhargaid. Marking the 75th anniversary of the nylon stocking.
Lèirmheas den phrògram Infested a bha ri fhaicinn air BBC 4 a-raoir, far an do shluig an Dotair Mìcheil Mosley cruimhean airson rannsachadh a dhèanamh air dè a' bhuaidh a bheireadh iad air.
Cluinnidh sinn bhon an dotair Sarah Marr agus an saidhg-eòlaiche Dòmhnall MacLeòid mar a tha placebo a' dèanamh feum do chuid do dh'euslaintich.
Trì fichead agus a còig bliadhna deug bho nochd na stocainnean naidhlean air a' mhargaid, tha Coinneach a' bruidhinn ri triùir aig a bheil cuimhne nuair a thàinig iad dhan fhasan agus, mar as àbhaist air Diardaoin tha sinn a' taghadh còmhradh a tasglann prògram Choinnich . An-diugh tha sinn a dol air ais gu 1995 agus Coinneach a' còmhradh ri Seonag NicDhòmhnaill a bha ag obair aig an Airm anns na h-eileanan Falklands.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 20 Feb 201409:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 20 Feb 201421:00BBC Radio nan Gàidheal