
Laoidhean is leughaidhean Nollaige, an taghadh aig pearsachan eaglais bho 2013
Pearsachan eaglais le taghadh de laoidhean is leughaidhean Nollaige bho 2013. Clergy from various denominations select their Christmas carols and readings from 2013.
Anns an t-seirbheis seo tha pearsachan-eaglais bho dhiofar bhuidhnean air tighinn còmhla agus a' toirt thugainn taghadh de leughaidhean Nollaige le teachdaireachd nan cois agus cuideachd a' taghadh laoidh Nollaige. A' gabhail pàirt tha an Dr Urr Aonghas Moireasdan, an Canan Dòmhnall MacAoidh, an Canan Seumas MacNèill, an t-Urr Coinneach Dòmhnallach agus an Dr. Urr Iain D Caimbeul. Am measg na leughaidhean a thagh iad tha leughadh bho Leabhar Isaiah: 9, Soisgeul Lùcais: 2, Soisgeul Mhata 2 agus Soisgeul Eòin 2. Cluinnear cuideachd na laoidhean Nollaige a leanas - O Thigibh a Chaomh-Shluaigh, Ainglean Chuala Sinn gu h-Àrd, Tàladh Chrìosda, Èist san Iarmailt Òran Binn agus Oidhche Shàmhach.
Last on
Broadcasts
- Sun 22 Dec 201309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Dec 201315:00BBC Radio nan Gàidheal
- Christmas Day 201621:00BBC Radio nan Gàidheal