
18/12/2013
Na deich tiodhlacan Nollaig as fhèarr ann an saoghal teicneòlais. This year's top ten Christmas gadget gifts. bbc.co.uk/feasgar.
Tha sùilean a' mhòr chuid againn air preusantan Nollaig an-dràsta. Ach dè na gismos is ùire a tha rim faighinn am bliadhna?Tha Dòmhnall Dòmhnallach a' toirt comhairle air na deich gismos as fheàrr a nì tiodhlac Nollaig ann an 2013.
Cuideachd ma dh'fheumas tu preusant Nollaig a thoirt air ais dhan a' bhùth, dè dìreach na còirichean a th'agad? Tha Marina NicSuain, a tha na h-oifigear dìon luchd-cleachdaidh, a' mìneachadh nan riaghailtean.
Tha Sandra Mhoireach a' cuimhneachadh air ais air na fasain as fhèarr agus as miosa a-nochd ann an 2013.
Agus cha b'e ruith ach leum a bh'aig Coinneach Mac a' Ghobhainn dhan taigh-dhealbh nuair a chaidh iarraidh air lèirmheas a dhèanamh air The Hobbit: The Desolation of Smaug, an dàrna film san t-sreath The Hobbit. An e deagh film neo briseadh dùil a bh'ann? Feumaidh sibh èisteachd.
Am measg a' chiùil tha Keane, Laura Mvula agus Biffy Clyro. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Broadcast
- Wed 18 Dec 201312:03BBC Radio nan Gàidheal