
11/12/2013
An toir naidheachd Là na Sròine Deirge buaidh air na tha sinn a' toirt do charthannas? Will the news of Comic Relief's investments make you question charity giving?
Air Panorama an-raoir chunnaic sinn gun deachaidh na milleanan do dh'airgead a chaidh a chruinneachadh airson Latha na Sròine Deirge gu maoinean a bha a' toirt taic do dh'aramachd, deoch làidir agus tombaca. Am bi daoine cho deònach airgead a thoirt seachad do charthannais as deidh dhaibh seo a chluinntinn?
Chaneil latha a' dol seachad nach eil rionnagan no gaisgich spòrs anns na naidheachdan agus tric chan ann airson na h-adhbharan as fheàrr. A bheil na droch iomhaighean seo a dèanamh dragh do phàrantan?
Chaidh an t-soitheach as motha air an t-saoghail a chuir air bhog ann an Coiria - am Prelude a th'oirre agus tha 600,000 tunna de chudtrom innte agus i nas fhaide na tha togalach an Empire State. Innsidh Aonghas Moireach an tuilleadh mu deidhinn.
Aig àm na Nollaig, le tòrr phartaidhean is spòrs a' dol, tha Oifigear Sàbhailteachd Choimhearsnachd nam Poilis, Iain Ailig Moireach a' toirt comhairle air na cunnartan a tha an lùib draibheadh bho bhuaidh na dibhe, fiùs as deidh aon drama.
Last on
Broadcasts
- Wed 11 Dec 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 11 Dec 201321:03BBC Radio nan Gàidheal