
27/11/2013
Mìneachadh air geallaidhean a' Phàipeir Ghill aig Riaghaltas na h-Alba. The Scottish Government's White Paper explained. bbc.co.uk/coinneach.
Chuir Riaghaltas na h-Alba an cuid phlanaichean airson Alba neo-eisimeileachd an cèill, 's iad air Pàipear Geal fhoillseachadh an dè,air thoiseach air an referendum an ath-bhliadhna. Tha Micheal MacNèill,fear-naidheachd poilitigeach aig a' BhBC agus Torcuil Crichton, fear-deasachaidh an Daily Record ann a Westminster, a' mìneachadh geallaidhean a' Phàipeir Ghill.
Bidh sinn a' faighneachd a bheil e cudromach dè an seòrsa aodach a chuireas tu ort nuair a thu a' dol airson agallamh airson inbhe nas àirde fhaighinn aig d' obair?
Tha buidheann-glèidhteachais bhradain ag iarraidh cuid a' bhradain a mharbhadh aig tuathanasan-èisg air a' Ghàidhealtachd air sàillibh na tha do mhiallan-mara a' dèanamh milleadh air na bradain. Rinn Nirribhidh an aon rud am bliadhna, iomairt a bha gu math soirbheachail.
Gheibh sinn beachd bho Chairistiona NicAoidh aig a bheil ùidh mhòr ann an gnothaichean co-cheangailte ri saoghal a' bhradain air an iomairt a tha seo agus bheir i dhuinn mìneachadh dè dìreach an cron a tha miallan-mara a' dèanamh?
Tha Dòmhnall MacLeòid a' mìneachadh an Soillseachadh Albannach, 's e an t-seachdain-sa a' togail air Daibhidh Hume.
Last on
Broadcasts
- Wed 27 Nov 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 27 Nov 201321:03BBC Radio nan Gàidheal