
21/11/2013
Am bheil clann an-diugh nas mì-fhallain na bha an ginealach mu dheireadh? Are today's kids less healthy than their parents when they were young?
Tha clann an-diugh a' toirt 90 diog nas fhaide mìle a ruith na bha ginealach am pàrantan nuair a bha iad fhèin òg, ach dè is coireach ris a seo? Gheibh sinn beachd eòlaichean spòrs.
Tha Dòmhnall MacLeòid a' mìneachadh an Soillseachadh Albannach, 's e an t-seachdain a' togail air Frances Hutcheson.
Tha sgiobaidhean à Sgoil Lionacleit, Sgoil MhicNeacail, Sgoil Bhàgh a' Chaisteil agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu trang a' deasachadh mu choinneamh Deasbad BT Alba nan Sgoiltean, 's cluinnidh sinn ciamar a tha dol dhaibh.
Tha rèiteach air tighinn air aimhreit laghail a tha a' ciallachadh gu faodadh Blofeld tilleadh gu filmichean Bond a-rithist. Dè a tha ann an dèagh nàmhaid ann am film?
Last on
Broadcasts
- Thu 21 Nov 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 21 Nov 201321:00BBC Radio nan Gàidheal