
19/11/2013
Nollaig 2013 - air do sgreamhachadh leis, no a' dèanamh gàirdeachas ri gach nì timcheall air? Christmas 2013, fed up already or revelling in all the preparation?
Dè seòrsa deasachadh a tha sibh air a dhèanamh mu choinneamh Nollaig na bliadhna? Am bheil sibh air a dhol an sàs ann le toileachas is gàirdeachas, no am bheil sibh air ur sgreamhachadh mu thràth?
Tha Kathleen NicSuain agus Shona Nic a' Phiocar ag innse mun obair a rinn iad le carthannas ann an dachaigh chloinne ann an Uganda o chionn ghoirid.
Ceann caorach, teanga mairt agus grùthan fèidh - bha e cumanta gu leor seo uile fhaicinn air truinnsear aig aon àm, 's tha e air fàs fasanta a-rithist a bhith 'g ithe a leithid. Ach tha gu leòr fhathast nach fhuiling ceann èisg air am beulaibh 's na sùilean a' coimhead orra. Carson a tha sinn an aghaidh a bhith 'g ithe an èisg air fad ann am Breatann? Cluinnidh sinn bhon eòlaiche-bidhe Alasdair MacLeòid agus bho Mhàiri Alice Bartlett a tha air tòrr siubhail a dhèanamh, gu h-àraidh anns an Roinn Eòrpa.
Last on
Broadcast
- Tue 19 Nov 201312:03BBC Radio nan Gàidheal