
11/11/2013
Cairistìona NicConghaile a' cnuasachadh air colbhan nam pàipearan naidheachd. Christina McGonigle with her view on the weekend newspaper columns.
'S i Cairistìona NicConghaile a tha a' cnuasachadh air colbhan pàipearan naidheachdan an deireadh sheachdain.
Seo an latha cuimhneachaidh mu dheireadh mus tòisich sinn air comharrachadh ceud bliadhna bhon a' chiad chogadh an ath bhliadhna. An-diugh bheir sinn sùil air adhart air na tha anns an amharc aig Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA ann a bhith a' cuir ri cuimhneachain na duthcha còmhla ri Annella NicLeòid.
Tha litir na seachdain 'sa à Èirinn còmhla ri Maureen NicFhionghain.
Agus bhon tasglann an t-seachdain 'sa còmhradh mun an drill a bha mu choinneamh dhaoine bha a' fuireach ann an taighean an airm agus na bh'aca do ghlanadh ri dhèanamh mas fhàgadh iad taigh. Bhruidhinn Coinneach ri triùir a bh' ann agus a dh'fhairich bho chionn ceithir bliadhna deug - Dòmhnall Iain Mac an t-Saoir, Dollag NicIlleathain, Iain Macleòid agus Mairead NicIlleathain. www.bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Mon 11 Nov 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 11 Nov 201321:00BBC Radio nan Gàidheal