
06/11/2013
Beachdan air a' phrogram Autism, Challenging Behaviour a bha air BBC 4 an raoir. A review of the BBC Four program 'Autism, Challenging Behaviour'. bbc.co.uk/feasgar.
Beachdan bho dhithis air a' phrogram Autism, Challenging Behaviour a bha air BBC 4 an raoir. Tha balach òg aig Dolly NicDhòmhnaill à Leodhas a tha a' fulung le autism agus tha ùidh aig Màiri NicAmhlaigh a chleachd a bhith na eòlaich inntinn chloinne anns a' chuspair.
Tha Iain MacNèill a' dèanamh lèirmheas air a' film Philomena. Tha an sgeulachd mu dheidhinn boireanach à Éirinn a chaidh a dh'Ameireaga a' lorg an leanabh a chaidh a thoirt bhuaipe nuair a bha i na deugaire.
Agus tha seachd seachdainean bhon diugh gu Latha na nNollaig agus tha Seonag Nic a' Ghobhainn an seo ann an deagh àm airson tòiseachadh air reasabaidh cèice Nollaig.
Cuideachd tha Carina Niclèoid a' toirt an Comedy Couch dhan Lanntair ann an Stèornoabhagh Disathairne 'sa tighinn. Ach chaneil i na h-aonar agus i air line up do dhaoine sònraichte eile a chuir air dòigh a bhios còmhla rithe a tha dearbhte gàire a thoirt air aodain dhaoine. Nam measg tha Anna Devitt, John Gavin, Gayle Telfer Stevens agus Sir Reginald Tweedy Duffer.
Am measg a' chiùil tha Emma Stevens, Haim agus The Script. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Mìlseag Nollaig
Gritheidean
4 Unnsaichean mìn-fhlùr lom
8 Unnsaichean criomagan arain (donn no geal no measgachadh dhen dà chuid)
8 Unnsaichean ìm
8 Unnsaichean siùcar bog donn (dorcha no soilleir)
1 Punnd fìon-dearc sheacte
8 Unnsaichean raosaran
8 Unnsaichean currain air an sgrìobadh gu mìn
½ Spàin-bheag spìosraich measgaichte
½ Spàin-bheag cnò-mheannt pronn
Gòmag sallain
3 Uighean
1 Sùgh agus rùsg Liomaid
2 Spàin-mhòr Ruma no Branndaidh
Dòigh
Measgaich an t-ìm agus an siùcar còmhla ann am bobhla gus a bheil coltas uchdar air. Cuir ann an còrr dhen stuth agus measgaich gu math.
Dèan deiseil bobhla/bobhlaichean agus roinn am measgachadh eadar iad. Còmhdaich na bobhlaichean le pàipear donn no foidhle-tiona agus ceangal sreang mu thimcheall nam bobhlaichean gus làmhrachan beag a chruthachadh. Tha seo feumail airson a’ mhìlseag a thoirt às na na bobhlaichan.
Bruich airson eadar dà agus trì uairean a thìde an toiseach agus as dèidh sin bruich a-rìthist airson uair a thìde eile.
Cèic Nollaig
Gritheidean
14 unnsa mìn-fhlùr lom
12 unnsa siùcar bog donn
12 unnsa ìm
6 uighean
2 spàin-teatha spìosraich measgaichte
1 spàin-mhòr de trèicil
3 spàinean-mòra branndaidh
2 ½ measan measgaichte
4 unnsaichean rùsg orainds agus liomaid air an sgrìobadh agus air am measgachadh
8 unnsaichean siristean air an gearradh nan lethean no nan cairtealan
4 unnsa cnò-almoin pronn
Dòigh
Bog nam measan anns a’ bhranndaidh agus fàg airson aon oidhche.
An ath latha measgaich an t-ìm agus an siùcar còmhla ann am bobhla agus cuir ris na cnòthan-almoin pronn, na spìosraich measgaichte agus an trèicil. Cuir ris na h-uighean air am bualadh agus a’ mhin a’ cuir ann beagan dhen ugh an toiseach agus an uairsin beagan min ga mheasgachadh mar a tha thu a’ dol air adhart gus a bheil e uile ann. Cuir ann na measan agus a’ branndaidh agus dèan cinnteach gun tèid a dheagh mheasgachadh.
Cleachd tiona cearnagach meud 9” no 10” ann an cumadh cearcall. Còmhdaich an tiona le dà phìos pàipear parchment. Tha seo nas fheàrr an àite pàipear-donn a chleachdadh oir nì e cùisean nas fhasa nuair a thig e gu bhith ga chòmhdach aig an deireadh.
Ceangail pìos pàipear donn air oir an tiona agus cumaidh seo an cèic gun losgadh.
Dòirt am measgachadh dhan an tiona agus a’ cleachdadh cùl spàin agus rèitich am mullach gus a bheil e còmhnard.
Còmhdaich am mullach an uair sin le pàipear donn airson dèanamh cinnteach nach tèid a a dòthadh.
Teasaich an àmhainn gu ìre 140°c/275°f/comharra gas 1 agus còcairich gu slaodach airson ceithir uairean a thìde agus còig deug mionaid no ceithir uairean a thìde agus dà fhichead sa còig mionaid (4 ¾ ).
Nuair a tha thu a’ smaoineachadh gu bheil i deiseil brùth bior-ròstaidh innte airson dèanamh cinnteach gu bheil i air còcaireachd.
Nuair a tha an cèic gu tur fuar còmhdaich le pàiper donn agus cuir ann am bocsa no tiona dìonach i. Cùm ann am preasa agus ma tha thu ag iarraidh cuir tuilleadh branndaidh innte. Le bior-ròstaidh mullach a’ chèic agus dòirt spàin-mhòr no dhà de bhranndaidh thairis a’ chèic.
Broadcast
- Wed 6 Nov 201312:03BBC Radio nan Gàidheal