Main content

30/09/2021 Taigh-tasgaidh Poileas Ghlaschu
Taisbeanadh mu eachdraidh na feachd poilis as sine ann am Breatainn. An exhibition of the history of the oldest police force in Britain.
Ann an 2013 chaidh na h-ochd feachdan poilis roinneil ann an Alba a thoirt còmhla le aon fheachd poilis nàiseanta, Seirbhis Poileas na h-Alba, neo Poileas Alba a’ dol nan àite. A’ comharrachadh nan atharrachaidhean air a' bhliadhna sin, ghabh Coinneach MacÌomhair cothrom prògram a chlàradh ann an Taigh-tasgaidh Poileas Ghlaschu, an fheachd poilis a bu shine am Breatainn. Cluinnidh sibh eachdraidh na feachd sin agus sgeulachdan pearsanta bho thriùir a ghabh iomadh ceum air a’ 'bheat' anns a’ bhaile thar nam bliadhna - ‘s iad sin Seumas MacGillEathain, Alasdair MacAoidh agus Graham Richardson.
Last on
Thu 30 Sep 202121:00
BBC Radio nan Gàidheal
Broadcasts
- Tue 29 Oct 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 29 Oct 201321:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 30 Sep 202109:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 30 Sep 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
