
An t-Urr Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh, Eaglais na h-Alba, an Tairbeart
Còmhla ri Dòmhnall I Moireasdan, ministear-cuideachaidh, Eaglais na h-Alba air an Tairbeart. Gaelic religious service conducted by Donald J Morrison, assistant minister Tarbert.
Anns an t-seirbheis cluinnear na sailm agus an leughadh a leanas:
Psalm 63: 1-4 air a sheinn le Coisir Òg bho Choitheanail Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
Salm 116: 17-19 air fonn Moravia, os cionn na seinn coitheanal Eaglais Shaor Crow Road, Glaschu
Salm 45:10-11 air fonn New Cambridge, os cionn na seinn coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart
Leughadh: Soisgeul Mata 26: 1-16
'S e an t-Urramach Dòmhnall Iain Moireasdan (Dòmhnaill Fhionnlaigh Mhurchaidh) à Caolas Scalpaigh a tha searmonachadh dhuinn ann an Dèanamaid Adhradh.
Tha Mgr Moireasdan a' fuireach ann an Caolas Scalpaigh anns na Hearadh, agus tha e air a bhith na mhinistear-cuideachaidh ann an coitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart bho 2001.
Thug e a-mach an dreuchd sin an dèidh dha a dhreuchd mar mhaighstir-sgoile a leigeil dheth ann an 1996, a' chuid mhòr dheth mar cheannard-sgoile air Sgoil Scalpaigh.
Ged a tha e air dreuchd na ministrealachd a-nis a leigeil dheth gu h-oifigeach, bidh e fhathast a' gabhail sheirbheisean ann an coitheanal an Tairbeirt agus ann an àite sam bith far a bheilear a' cur feum air.
Last on
An t-Urramach Dòmhnall Iain Moireasdan

Broadcasts
- Sun 20 Oct 201309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 20 Oct 201315:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Jul 201409:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Jul 201415:00BBC Radio nan Gàidheal