
17/09/2013
Na duiligheadasan a th'ann a' trusadh dhotairean airson sgìre Loch Abar. bbc.co.uk/coinneach. The difficulties in recruiting doctors to West Lochaber.
Beachdan à sgìre Loch Abar air na duiligheadasan a th ann a bhi a' trusadh dhotairean a dh'fhuiricheas 'san àite.
Tha Aonghas Moireach a' mìneachadh na cunnartan a tha an cois togail a' bhàta an Costa Concordia far na sgeirean.
Anns na seachdadan bha an t-eagal air daoine bhon chogadh fhuar, ach dè is motha a tha a' dèanamh dragh do dhaoine an-diugh? Am measg na cluinneas sibh tha ionnsaighean ceannarc, blàthachadh na cruinne agus gu leòr eile.
Tha am Pàpa Francis air a bhith gu math radaigeach na bheachdan. Air an t-seachdain 'sa chaidh thuirt e gun cuireadh Dia fàilte air na neo-chreidmhich gu Neamh. Tha Iain Eardsaidh Mac a' Mhaoilein a' toirt beachd air mar a ghabh daoine ri briathran a' Phàpa.
Cuideachd ro-shealladh air prògram telebhisean mu dheidhinn Bethesda, dachaigh cùram ann an Steòrnabhagh a chìthear air BBC ALBA oidhche Dhiardaoin. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Tue 17 Sep 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 17 Sep 201321:03BBC Radio nan Gàidheal