
12/09/2013
An ceòl agus na h-òrain a chuala sibh gan cluich na'r dachaighean 's sibh a' fàs suas. The songs and tunes you heard being played at home when growing up.
An-diugh an ceòl agus na h-òrain a chuala sibh gan cluich na'r dachaighean nuair a bha sibh a' fàs suas. Cuideachd fiosrachadh mun iris The Wipers Times a chaidh fhoillseachadh le saighdearan a bha a' sabaid anns na trainnsaichean aig àm a' chiad chogaidh. As dèidh sin beachd air dràma a bh'air an telebhisean oidhche Chiadain ma dheidhinn The Wiper's Times: the funny side of World War 1. Chaidh an dràma a sgrìobhadh le Ian Hislop, Neach-deasachaidh Private Eye. Agus tha Calum MacConail an seo le sreath ùr air co-fheallaidhean ainmeil: a' chiad fhear mu dheidhinn na sgeulachdan a bha, agus a tha fhathast , a' dol mun cuairt mun mhurt aig John F Kennedy air an dàrna latha fichead dhen t-Samhain ann an naoi ceud deug trì fichead sa trì le Lee Harvey Oswald. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 12 Sep 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 12 Sep 201321:00BBC Radio nan Gàidheal