
22/08/2013
An-diugh an obair aig an t-Oil. Kay Nicleòid a thaobh rannsachadh aillse ann an Chicago. Featuring Dr Kay Macleod's work involving cancer research at the University of Chicago.
An-diugh an obair aig an t-Oil. Kay Nicleòid a thaobh rannsachadh aillse ann oilthigh Chicago anns na Stàitean Aonaichte. Innsidh i cuideachd mar a thachair i ris na h-Obamas agus mar a tha i a' cumail a cuid Gàidhlig air ghleus ann an Chicago.
Fhathast anns na Stàitean, tha Mìcheal MacAoidh à Washington DC ag innse cò na feadhainn a bhios a' seasamh airson Ceannard-baile ùr airson New York. Tha an taghadh air a' chòigeamh latha den t-Samhain agus gabhaidh an tagraiche ùr àite Mhicheal Bloomberg a tha bh'anns an dreuchd bho dhà mhìle sa h-aon.
Mar phàirt de chuirmean-cuimhneachaidh air a' Bhàrd Sgitheanach, Niall Macleòid, tha cruinneachadh an-diugh fhèin aig ceithir uairean feasgar aig Cladh Morningside ann an Dùn Èideann far an tèid leac ùr a chuir air uaigh a' bhàird. Tha seo a' comharrachadh ceud bliadhna bhon a chaochail Niall a' rugadh ann an Gleann Dail anns an Eilean Sgitheanach. Tha an Dr Ruairidh Macleòid eòlach air bàrdachd agus eachdraidh Nèill.
Agus tha Blackberry air a' mhargaidh. Saoil cò a cheannaicheas e? Tha Marie Matheson a' toirt beachd.
bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 22 Aug 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 22 Aug 201321:00BBC Radio nan Gàidheal