
19/08/2013
An-diugh taisbeanadh de Mhachraichean na Hearadh ann an Ionad Seallam 's na Hearadh. Kenny visits an Exhibition of the Harris Machairs at the Seallam Visitor Centre, Harris.
An-diugh taisbeanadh de Mhachraichean na Hearadh ann an Ionad Seallam 's na Hearadh còmhla ri Cairistìona Lawson.
Tha Batal na seachdain 'sa gar toirt gu Prestonpans faisg air Dùn Èideann còmhla ris an Dotair Ailean Turner. B'e seo a' chiad bhatal chudtromach a bh'ann am Bliadhna Theàrlaich ann a 1745. Thòisich am batal aig ceithir uairean 'sa mhadainn air 21 Sultainn 1745. Bha arm nan Seumasach umhail do Sheumas Prainnseas Èideart Stiùbhart agus b'e an gille aigesan Teàrlach Èideart Stiùbhart a bha nan ceann. Se an Ridire John Cope a bha air ceann arm an riaghailtais a bha umhail dha nuair a bhuannaich iad am batal an aghaidh arm an riaghailtais a bha umhail dhan darna Righ Seòras. Rinn na Gàidhail an gnothach air arm an riaghaltais agus bha sin na thogail mhòr do na Seumasaich.
Agus 's ann gu Deimhidh a tha sinn a' dol airson tractaran na seachdain 'sa còmhla ri Iain Macleòid agus John Angus Moireasdan. Am measg nan tractaran tha David Brown 25D, Fordson agus David Brown Cropmaster. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Mon 19 Aug 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 19 Aug 201321:00BBC Radio nan Gàidheal

