
05/08/2013
An-diugh Litir à Niribhidh còmhla ri Màiri NicNèill-Lande is Sgoil Bhàrdachd na Comraich. Today a Letter from Norway with Màiri MacNeil-Lande and the Applecross Bardic School.
An-diugh Litir à Niribhidh còmhla ri Màiri NicNèill-Lande agus i ag innse dè na naidheachdan mòra agus inntinneach a tha a' dol san dùthaich.
Tha Dòmhnall Fearghasdan a' toirt sealladh dhuinn air dè bhios a' dol aig Sgoil Bhàrdachd na Comraich, còig latha de bhàrdachd 's de dheasbad, Diluain gu Dihaoine sa tighinn. Am measg nan cuspairean tha bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin, bàrdachd na Comraich, nàdar ann am bàrdachd agus a' sgrìobhadh bàrdachd airson clann. An làthair aig an Sgoil tha na bàird Anna Latharna NicIlliosa, Meg Bateman agus Roddy Gorman.
A' leantainn air sreath nan tractaran, tha Seòras Macleòid à Carlabhagh ann an Leòdhas a' sealltainn do Choinneach an cruinneachadh aige fhèin. An lùib a' chruinneachaidh tha Belarus agus Landini.
Agus ann an sreath nam batail tha Iain MacAmhlaigh còmhla ri Coinneach aig làrach Blàr Drocheid Bothwell a thachair air an dàrna latha fichead den Ògmhìos 1679. B'ann eadar arm an riaghailtais agus arm nan Cùmhnantach a bha am batal. Chaidh an t-sabaid air adhart aig drocheid air Abhainn Chluaidh ann a Hamilton ann an Lannraig a Deas faisg air Bothwell. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Mon 5 Aug 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 5 Aug 201321:00BBC Radio nan Gàidheal

