
Kay NicMhathain
Màrtainn Dòmhnallach agus eòlaichean a' coimhead air ais air beatha Kay NicMhathain. Recalling the life of Kay Matheson, political and Gaelic activist, as well as teacher.
'S iomadh rudha ris na shuath Kay NicMhathainn ach 's e an euchd a rinn i fhèin agus triùir eile a' toirt an Lia Fàil, neo Clach Sgàin, à Abaid Westminster air ais a dh'Alba ann a 1950 a thug gu aire an t-saoghail i. B' ann à Inbhir Àsdail, air taobh siar Rois a bha i, agus b' ann anns a' sgìre sin, san Allt Bheithe, a chaochail i aig aois 84.
B' e tidsear eaconomachd na dachaigh a bh' innte na h-obair làitheil ach bha cuideachd taobh mòr aice ris a' Ghàidhlig, agus i an luib a bhith ruith Campa Comann na h-Òigridh fad bhliadhnaichean.
Anns a' phrògram seo le Màrtainn Dòmhnallach, a chaidh a chraoladh an toiseach ann an 2002, cluinnidh sinn bho Kay fhèin agus i a' coimhead air ais air a beatha agus cuideachd bho Rona Lightfoot, Murchadh Caimbeul, Fionnlagh MacNèill agus Flora Perry, am measg eile, a bha eòlach oirre agus iad a' dèanamh dealbh air boireannach làidir, a bha brosnachail agus misneachail anns gach raon san robh i a' sàs.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Wed 10 Jul 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 10 Jul 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Jul 201310:30BBC Radio nan Gàidheal