
05/07/2013
Innes agus Seumas à Glaschu beò air a' phrògram an-diugh còmhla ri Janice Ann. Innes and Seumas from Glasgow join Janice Ann live on Aileag.
Blas an t-samhraidh air Aileag na seachdain-sa! Tha Innes agus Seumas à Glaschu còmhla ri Janice Ann fad a' phrògram, le sgeulachdan gu leòr agus an taghadh-ciùil aca fhèin.
Cluinnidh sinn dè tha sgoilearan Shiaboist agus Dhùn Èidinn a' dèanamh sna saor-làithean.
A' comharrachadh Bliadhna Nàdar na h-Alba, tha Charlotte a' taghadh àite gach seachdain a tha a' còrdadh rithe a thaobh nàdar agus na cur-seachadan a th' ann. An t-seachdain-s' tha i gar toirt a dh'Uibhist a Deas.
Ann an sreath ùr, tha sinn a' faighinn a-mach dè na cur-seachadan a tha cuid agaibh ris an dràsta. Tha sinn a' tòiseachadh ann an Inbhirnis le Annika agus Lorne, a tha mar phàirt den bhuidheann dràma, London Acadamy of Music and Dramatic Arts, agus a tha a' coinneachadh ann an Talla Eden Court. An-dràsta tha'd ag ullachadh airson an deilbh-chluich Spectacular Spectacular!
Nach cuir sibh fios thugainn mu dè tha sib' fhèin ris air na saor-làithean aig [email protected].
Last on
Broadcasts
- Fri 5 Jul 201316:03BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 6 Jul 201312:03BBC Radio nan Gàidheal