
05/06/2013
Operation Cauldron - a' cuimhneachadh air deuchainnean bith-eòlais faisg air Leòdhas. Operation Cauldron - biochemical warfare testing near the Isle of Lewis. bbc.co.uk/coinneach.
Operation Cauldron - a' cuimhneachadh nuair a dh'ìarr riaghaltas Bhreatainn sreath dheuchainnean dìomhair bith-eòlais cogaidh a chumail faisg air claddaichean Tholstaidh ann an Leòdhas. Chaidh na deuchainnean a dhèanamh air bòrd an t-soithich am Ben Lomond agus bha luchd saidheans à Porton Down agus bhon a' Chabhlachd Rìoghail an sàs sa phròiseact. 'S ann air muncaidhean agus gearra-mhucan a bha na deuchainnean gan dèanamh, agus ghàraich iad na beathaichean le plàigh pneumonic agus bubonic agus brucellosis. Tha Dòmhnall Moireach a bhuineas do sgìre Tholstaidh a' cuimhneachadh air ais air an àm agus beachd muinntir an àite air na bha tachairt.
Trì fichead bliadhna air ais, bha a' Bhanrigh Ealasaid ga crùnadh aig Abaid Westerminster agus tha Peigi Wood, Ishbel NicChoinnich agus Seònaid Friseal air a bhith a' toirt sùil air na bh'aig na meadhanan ri radh mun cheann-bliadhna shònraichte seo.
Tha prìs tiogaidean ball-coise ann an Alba daor, ach a bheil thu a' faighinn luach t-airgead bhon a' gheam? Sin a bhios Peigi Nic an Tòisich, Alasdair MacAoidh agus Coinneach D MacChoinnich a' deasbad.
Bliadhna Nàdar na h-Alba - tha Coinneach air cuairt coise ann an Ìle còmhla ri Anna NicGuaire. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
![]()
Cuairtean coise ann an Ìle
Duration: 11:19
![]()
Operation Cauldron
Duration: 16:31
HMS Ben Lomond

Pontoon

Deuchainn ceimigeach

Coinneach còmhla ri Dòmhnall Moireach

Anna NicGuaire

Broadcasts
- Wed 5 Jun 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 5 Jun 201321:00BBC Radio nan Gàidheal

