
23/05/2013
Dè a-nis airson gnìomhachas an luchd-turais ann an Cataibh? What now for tourism in Sutherland? Post-dealan: [email protected].
Dè a-nis airson gnìomhachas an luchd-turais ann an Cataibh? Leabhar ùr còcaireachd air nochdadh ann am Breatainn a' cleachdadh feòil-eich, agus bidh Coinneach a' cluinntinn mar tha feòil-eich gu math cumanta ann an dùthchanan mar a' Ghearmailt agus Kazakhstan.
A-rèir rannsachadh a chaidh a dhèanamh leis a' bhuidhinn Iomairt Sàbhailteachd air na Rathaidean, Brake, agus luchd-àrachais, Direct Line, thatar a' moladh gum bu chòir do dhràibhearan ùr barrachd ùine a chuir seachad còmhla ri daoine tha mion-eòlach air dràibheadh, fiù's mas tèid iad airson deuchainn. Ach saoil an e seo an t-slighe cheart? Bidh beachd aig Carol McGlone, Lachie MacLeòid agus Dòmhnall MacLeòid dhuinn. Agus a bharrachd air a h-uile càil tha sin, bidh Coinneach a' tadhal air gàrradh annasach ann an Uibhist-a-Deas far a bheil sgeulachd no dhà èibhinn aig Ceitidh NicRuairidh air bodaich bheag a' ghàrraidh! bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Broadcasts
- Thu 23 May 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 23 May 201321:00BBC Radio nan Gàidheal