
An t-Urr Seumas Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba, Garrabost
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Seumas Dòmhnallach, Eaglais na h-Alba, Garrabost. Archive service from 2003 with Rev James MacDonald, Garrabost Church of Scotland.
Anns an t-seirbheis seo cluinnear na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 143: 6-7 air fonn Walsall agus 's e Coinneach Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh na h-Eaglaise Saoire ann an Steòrnabhagh.
Salm 04: 7-8 air fonn Moravia agus 'se Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Barabhas.
Leughadh: Salm 102
Ceann-teagaisg : Salm 102: 2 & 13.
Rugadh Seumas Dòmhnallach ann an sgìre Mhealaboist ann am Borgh air taobh Siar Eilean Leòdhais air an 9mh den Chèitean 1943. Bha triùir anns an teaghlach aige: e fhèin, a bhràthair a bhàsaich na leanabh agus a phiuthar Seonag. Bha athair Sheumais, Murchadh neo Murchadh Sheumais, ainmeil airson a bhith sgrìobhadh òrain: òrain cianalais, òrain cogaidh agus òrain èibhinn.
Chaidh Seumas gu Bun-sgoil Ghabhsainn agus an uair sin gu Àrd-sgoil Lionail gus an do dh'fhàg e an sgoil aig aois còig bliadhna deug nuair a chaidh e dhan a' Chabhlaich Mharsanta. Mar iomadach Leòdhasach eile chur e seachad bliadhnaichean aig muir a' siubhail an t-saoghail gus nas thill e air ais dhachaigh anns na tri ficheadan. Bha ceathrar chloinne aige fhèin agus a bhean Màiri Ann. Bha Seumas ag obair air a' bheairt airson iomadh bliadhna gus an deach a ghairm chun na ministrealachd. Chaidh e air ais dhan sgoil airson deuchainnean aig àrd-ìre a dhèanamh agus cothrom a thoirt dha a dhol dhan oilthigh mar oileanach Diadhachd fad ceithir bliadhna.
Thill e air ais dhan eilean ann an 1983 agus chur e seachad bliadhna aig Àrd-eaglais Steòrnabhaigh a' toirt taic dha dheagh charaid, an t-Urramach Ruairidh Moireasdan. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost san Rubha san Ògmhios 1984 far an robh e airson seachd bliadhna deug gus an do leig e dheth a dhreuchd air sgàth a shlàinte ann an 2001. Bidh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm ann an coitheanalan air feadh nan eilean. Bhàsaich a bhean Màiri Ann ann an 2011.
Tha ùidh mhòr aige ann a bhith a' càradh agus ag ùrachadh àirneis agus thairis air na bliadhnaichean tha e air seann tractar 1955 Ferguson TEF20 ùrachadh. Grunn bhliadhnaichean air ais phòs Mgr Dòmhnallach Morag NicRisnidh agus tha iad air an dachaigh a dhèanamh anns an sgìre far an do rugadh 's na thogadh e.
Last on
Broadcasts
- Sun 12 May 201321:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Oct 202121:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Aug 202221:00BBC Radio nan Gàidheal