
Anns a' Chuimrigh
Tha Coinneach anns a' Chuimrigh a' tadhal air baile Swansea agus na sgìrean mun cuairt. Today Kenny tours the city of Swansea and surrounding areas.
An-diugh tha cothrom eile ann èisteachd ri prògram a chlàr Coinneach is e air chuairt air Ceann a Deas na Cuimrigh a' tadhal air baile Swansea. Còmhla ris tha an Dotair Andar Gunneberg agus iad a' tadhal air Catriona Townend à Nis ann an Leòdhas a rinn a dachaigh ann an Gower faisg air Swansea bho chionn dà fhichead bliadhna. Cuideachd chì iad an t-àite ainmeil na Mumbles agus tha iomradh aig Andar air mar a fhuair an t-àite an t-ainm annasach seo. An lùib nan àiteachan inntinneach eile air an do thadhal Coinneach agus Andar tha Raon Spòrs Liberty, Rubha Gower agus an Ionad Dualchais a th'aca an sin. Cluinnear cuideachd mu eachdraidh na h-Eaglais Nirribheach às a' bhaile agus mar a tha caladh cur-seachad bhàtaichean Swansea air muinntir an airgid a thàladh dhan sgìre. bbc.co.uk/coinneach.
Last on
Clip
![]()
Catriona Townend à Nis
Duration: 08:52
Broadcasts
- Tue 30 Apr 201309:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 30 Apr 201321:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 3 May 201809:00BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 3 May 201821:13BBC Radio nan Gàidheal

