
Catriona Nicleòid
Sgeulachd a thòisich nuair a sheòl a' Metagama à Leòdhas bho chionn 90 bliadhna. Catherine Macleod's life story marks 90 years since the Metagama sailed from Lewis to Canada.
Air 21 den Ghiblean 1923, sheòl an t-soitheach a Metagama à Steòrnabhagh le trì cheud eileanach air bòrd 's iad a dèanamh air beatha ùr ann an Canada. Nam measg, bha pàrantan Chatriona NicLeòid: rud a thug buaidh mhòr air a beatha fhèin. Anns an dara pàirt de a sgeulachd, tha i ag innse do Mhairianna NicChoinnich mu mar a thàinig à h-athair air ais a Leòdhas airson beagan mhìosan, an dèidh dhith fhèin sa màthair tilleadh, ri linn a bhochdainn a bh'ann an Amerigaidh anns na 1930an. As a sin, tha i ag innse mu mar a thill iad air ais a Chanada mar theaghlach, an cianalas a bh'oirre fàgail Leòdhas a-rithist agus mu am beatha ùr thall ann a sin. Bha mòran eileanaich eile ma chuairt orra ann a sgìre Fort William, Ontario - rud a bha na thaic mhòr dhaibh. Tha Catriona cuideachd ag innse mun bhuille mhòr a dh'fhulang iad 's mar a b'fheùdar dhi fhèin sa màthair an cùl a chuir ri Canada agus tilleadh dhachaigh a Rànais, aon uair eile.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 25 Apr 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 25 Apr 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Apr 201309:30BBC Radio nan Gàidheal