
Trom-Inntinn
Moira NicIllEathain a' mìneachadh trom-inntinn le dotair 's cuid air a robh an tinneas Moira Maclean examines depression, speaking to sufferers and professionals in the field.
Anns an t-sreath ghoirid tha seo, tha Moira NicIllEathain a' togail air aon tinneas anns gach prògram agus a' toirt sùil mhionaideach air le eòlaichean agus le feadhainn air a bheil neo air a robh an tinneas.
Anns a' chiad phrògram tha Moira a' coimhead ri trom-inntinn. Tha i a' bruidhinn ri dithis, Cathy Mary Nic a' Mhaoilein agus an t-Ollamh Dòmhnall Meek, air a robh an tinneas agus a' cluinntinn mar a mhothaich iad an toiseach gu robh rudeigin ceàrr agus mar a fhuair iad cobhair 's cuideachadh airson faighinn air ais gu slàinte. Tha an Dotair Iain Mac a' Ghobhainn air a bhith na dhotair-teaghlaich fad dà fhiachead bliadhna agus tha e a' mìneachadh dè a th' ann an trom-inntinn, dè a dh'fhaodadh adhbhrachadh agus dè na leigheasan a th' ann air a shon. Tha eòlas dà fhaichead bliadhna aig Iain Eàirdsidh Mac a' Mhaoilein air a bhith a' cuideachadh agus a' comhairleachadh dhaoine air a bheil trom-inntinn agus, mar a thuirt e fhèin, "Chan e idir cia mheud duine air a bheil an tinneas, ach a bheil e orm fhèin agus dè a nì mi mu dheidhinn?".
Last on
Clip
![]()
Trom-inntinn
Duration: 04:19
Credit
| Role | Contributor |
|---|---|
| Producer | Aisling Heraughty |
Broadcasts
- Wed 17 Apr 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 17 Apr 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 21 Apr 201310:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Nov 201313:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 5 Nov 201322:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 10 Nov 201310:00BBC Radio nan Gàidheal
