Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taobh a Tuath Ghlinn Dail

Pòl MacCaluim 's Dòmhnall R Caimbeul a' tadhail air na bailtean a tha am fasgadh Beinn Èiseabhal. Paul McCallum and D R Campbell visit the villages in the lee of Beinn Eiseabhal.

An diugh anns a phrògram tha na balaich a ruighinn ceann a tuath Ghleann Dail. Cluinnidh sinn eachdraidh an Taigh Stòr agus sgeulachd inntinneach mu na tha ga chuairteachadh. Bithidh iad a' tadhal air "Taigh a' Bhàird" an taigh aig Seonaidh Dhòmhnaill 'Ic Iain Bhàin. Gheibh sinn a-mach dè am beartas a tha ri fhaighinn anns a Chàraidh agus bithidh iomradh air Taigh Chlann Anndra, an taigh ainmeil sin anns an do dh'fhuirich Màiread Fay Sheathach.

30 minutes

Am Fasgadh Èiseabhal

Am Fasgadh Èiseabhal

Air an t-seachdain seo tha Pòl is DR air ceann a tuath Ghlinn Dail a ruighinn. Cluinnidh sinn eachdraidh an Taigh Stòr agus sgeulachd inntinneach mu na tha ga chuairteachadh. Bidh iad a’ tadhal air ‘Taigh a’ Bhàird’, an taigh aig Seonaidh MacDhòmhnaill ’Ic Iain Bhàin. 

Am Bàrd

Am Bàrd

Dealbh:

Am Bàrd – Seonaidh MacDhòmhnaill Ic Iain Bhàin (taing do dh’Ùisdean Cheape -Co-chruinneachadh Chanaigh, le cead bho Urras Nàiseanta na h-Alba) 

Teaghlach ainmeil

Teaghlach ainmeil

Gheibh sinn a-mach dè am beartas a tha ri fhaighinn anns a’ Chàraidh agus bidh iomradh aca air aon de na teaghlaichean agus na taighean is ainmeile ann am beul-aithris Uibhist, Taigh Chlann Anndra, an taigh anns na dh’fhuirich an t-eòlaiche ainmeil, Mairead Fay Sheathach. Bidh Floraidh Currie a’ cuimhneachadh air an eòlas a bh’aice fhèin air an teaghlach.

Floraidh Currie

Floraidh Currie

Taigh Chlann Anndra

Taigh Chlann Anndra

Taigh Chlann Anndra an-diugh agus obair-leasachaidh a’ dol air adhart.

Broadcasts

  • Tue 12 Mar 201313:30
  • Tue 12 Mar 201322:00
  • Sun 17 Mar 201310:00