
03/02/2013
Còmhla ris an Urr Iain A MacIllÌosa, an Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic religious service conducted by the Rev John Angus Gillies, Free Church Continuing.
Rugadh agus thogadh Mgr MacIllÌosa ann a sgìre Chille Mhoire san Eilean Sgiathanach . Às dèidh dha bhith deiseil ann an Àrd-Sgoil Phort Rìgh chaidh e gu Oilthigh Ghlaschu agus às an sin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Thug e mach dreuchd na ministrealachd ann an 1961 agus chur e seachad a' chiad bhliadhna a' searmonachadh ann an Eilean a' Phrionnsa ann an Canada. Thill e air ais dhan dùthaich seo agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Ghleann Urchardan far an robh e gu 1969. Fhuair e fios an uairsin bho choitheanal Phòl Iù far an robh e gus an do ghluais e a Ghlaschu.
Chaidh Mgr MacIllìosa a phòsadh ri coitheanal Eaglais Shaor Partick Highland ann an 1981. Bha e na mhodaràtair air Àrd Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an 1988 agus cuideachd chur e seachad sia mìosan ann an Livonia ann an Ameireagaidh. Thadhail e cuideachd air Bosnia dà thuras.
Às dèidh a dhreuchd a leigeil seachad bha Mgr MacIllìosa na mhinistear aig an Eaglais Shaor Leantainneach ann a Nis son trì bliadhna agus bithidh e fhathast a' searmonachadh bho àm gu àm ann an Coitheanalan san Eilean Sgiathanach, air an taobh siar agus ann an Cataibh.
Tha Mgr MacIllìosa pòsta le ceathrar chloinne agus triùir oghaichean.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 3 Feb 201309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 3 Feb 201315:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 15 Sep 201309:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 15 Sep 201315:00BBC Radio nan Gàidheal