
19/01/2013
A' coimhead air ullachadh airson Geamannan nan Eilean agus tòrr spòrs eile còmhla ri Iain Moireasdan. Post-d: [email protected]. Local, national and international sports news.
Bidh Iain Moireasdan a' toirt sùil air ball-coise agus geamannan an SPL a' tòiseachadh a-rithist air an deireadh sheachdain-sa.
Cuideachd bidh e a' faighneachd dè bhuaidh a bheir agallamh Lance Armstrong le Oprah air saoghal nam baidhsagal?
Tha sinn a' coimhead air ullachadh sgioba na h-Eileanan an Iar airson Geamannan nan Eilean ann am Bermuda agus air slighe Anndra Mhoirich aig farpais fhosgailte Àstrailia.
Bidh fios mu Barrathon am measg na naidheachdan spòrs eile a bhios air a' phrògram.
Post-d: [email protected] / Fòn an asgaidh: 08000 96 70 50 / Twitter: @BBCSpòrs
Local, national and international sport, introduced by John Morrison.
