
Episode 1
Sùil air an òran An t-Iorram Niseach agus an eachdraidh iongantach a tha timcheall air. A closer look at the song An t-Iorram Niseach and the fascinating story behind it.
Bidh an t-sreath phrògraman Còig Òrain a' toirt sùil mhionaideach air còig òrain Ghàidhlig aig a bheil eachdraidhean sònraichte. Bidh a' chiad phrògram a' toirt sùil air an òran Leòdhasach An t-Iorram Niseach.
Cluinnear caochladh thionndaidhean air an òran seo a chaidh a ghlèidheil air bilean an t-sluaigh ann an Leòdhas thar nan ginealach. 'S e òran gu math aosd' a th' ann a tha a' toirt iomradh air tachartasan air leth brùideil ann an Leòdhas bho chionn còrr is 400 bliadhna; aimhreit eadar cinnidhean, strì eadar bràithrean, murt is marbhadh is gu leòr eile.
Anns a' phrògram seo cluinnear barrachd mun òran agus an sealladh a tha e a' toirt dhuinn air eachdraidh Leòdhais.
Last on
Broadcasts
- Mon 3 Dec 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 3 Dec 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Dec 201213:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 24 Jun 201413:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 24 Jun 201422:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 29 Jun 201410:00BBC Radio nan Gàidheal