
Làithean òige san oilthigh an Dùn Èideann
Làithean òige san oilthigh dhan cuimhneachadh leis a' sgrìobhaiche Tormod Caimbeul. University days in 1960s Edinburgh as experienced by the writer Norman Campbell.
Rugadh agus thogadh an sgrìobhadair, an neach-teagaisg agus an fhìor Niseach, Tormod Caimbeul, Tormod a' Bhocsair ann an Dail bho Dheas, Leòdhas. Sgrìobh e grunn leabhraichean do dh' inbhich leithid Deireadh an Fhoghair, An Druim bho Thuath, Shrapnel agus An Naidheachd bhon Taigh. Do chloinn bha Uilleam Ban agus an Iolaire, A' Chailleach Chrubach, Dòmhnall mac Dhòmhnaill mac Dhòmhnaill, agus Cathal Garg is a Hearach. Chruinnich e cuideachd rannan do chloinn agus chàich anns a' leabhar àlainn Air do Bhonnagan a Ghaoil agus dh'eadar-theangaich e samhail Tè Bheag a' Ghruffalo is leabhraichean Katie Morag do chloinn.
Nuair a bha Tormod 70 bliadhna san Dàmhair 2012, dh' iarr sinn air Maureen NicLeòid, a rugadh 's a thogadh san aon bhaile ris, cuairt a ghabhail le Tormod an Dail bho Dheas agus ann an Dùn Èideann far a robh e na oileanach agus a' cosnadh. Anns an t-sreath phrògraman a tha seo cluinnidh sinn mu na thug buaidh air Tormod.
Cha robh a chiad làithean san oilthigh an dùn Èideann cho buileach furasta do Thormod ach aon uair 's gun chuir e cùl ri eachdraidh Bhreatainn agus aghaidh ris a' Ghàidhlig dh'atharraich sin. Cluinnidh sinn mun eòlas a bh'aige air an òraidiche agus an t-sàr sheinneadair, Uilleam MacMhathainn agus cuideachd mun taic a fhuair e bho sgrìobhaiche eile, Iain Moireach, agus a bhean Nora, a bha iad fhèin a' tàmh an Dùn Èideann aig an àm.
Gheibh sinn blasad den nobhail Shrapnel a sgrìobh Tormod, agus a stèidhich e an Dùn Èideann, agus e fhèin agus Maureen nan suidhe aig Arthur's Seat.
Bhàsaich Tormod sa Chèitean 2015 aig aois 72. Chaidh an cruinneachadh mu dheireadh de na sgeulachdan goirid aige, Sgeulachdan sa Chiaradh, fhoillseachadh le Acair san Dàmhair.
Last on
More episodes
Next
Clip
![]()
Shrapnel
Duration: 03:19
Broadcasts
- Wed 7 Nov 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 7 Nov 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 11 Nov 201210:30BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Feb 201612:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 9 Feb 201622:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 14 Feb 201609:56BBC Radio nan Gàidheal
