
31/10/2012
Cluinnidh sinn cho maireannach sa tha cumhachd hydro, eachdraidh Scotland Yard, beul-aithris co-cheangailte ri fèidh agus reasabaidh mhiorbuilleach airson sitheann a chòcaireachd.
Last on
Sitheann le sùgh “port” agus silidh caorann
Sitheann
2 phìos sitheann no 2 shliseag cheathramhan (gigot chops)
25g ìm
1 spàin mhòr ola lus
Salann agus piobair
Saibhs “port” agus silidh caorann (port and rowan jelly sauce)2 shliseag hama (streaky bacon)
1 chreamh-gàrraidh (leek)
Leth bhotal fìon dearg
300 ml stoc air a dhèanamh le sitheann no feòil mairt
1 spain àbhaisteach silidh caorann (rowan) no dearc-dhearg (redcurrant)
120ml “port”
70g ìm
Agus ma thogras sibh dà chnap bheag seòclaid dorcha air a sgrìobadh mìn (grated)
Airson an t-saibhs a dhèanamh:
Bruich a’ hama agus an creamh-gàrraidh gus am bidh iad bog airson còig mionaidean deug.
Cuir ris am fìon agus bruich sìos e gus am bidh an treas cuid air fhàgail.
Cuir ris an stoc agus an silidh (caorann no dearc-dhearg) agus bruich a-rithist e gus am bidh an darna leth dheth air fhàgail (bu choir dha fas tiugh a-nis).
Bheir am pana bhon an teas agus cuir na th’ann tro shioltag agus dòirt a-steach ann am pana glan.
Cuir ann a’ “port” còmhla ri salann agus piobar. Cuir crìoch air an t- saibhs le bhi leaghadh na tha air fhagail dhan ìm agus an t-seòclaid.
A’ deasachadh an t-sithinn:
Blàthaich praigheapan is leagh an t-ìm agus an t-ola.
A-reir de cho tiugh agus a tha an fheòil, ròst e airson 4/5 a mhionaidean air gach taobh agus leig leis seasamh greis.
Càl dearg
57g ìm
Gearr càl beag dearg, leis am meadhan air a thoirt as, na shlisean tana.
2 spàin mhòr silidh dearc-dhearg
3 spàin mhòr fion-geur dearg
Rùsg oraindsear air a sgrìobadh gu mìn
Sùgh an oraindsear air fhàsgadh as
250ml “port”
Salann agus piobair
Leagh an t-ìm ann am pana. Cuir an càl ann agus leagh sìos an an t-silidh dearc-dhearg ann cuideachd.
Cuir a fion-geur, sùgh oraindsear. Rùisg an t-oraindsear, am “port”, salann agus piobair dhan a’ phana agus caoin-ghoil e.
Leig leis bruich airson leth uair.
Blàthaich truinnsear, cuir an t-sitheann air, beagan dhan t-saibhs air a’ mhullach agus tha seo math le càl air a’ dheasachadh mar seo le buntàta pronn.
Broadcasts
- Wed 31 Oct 201209:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 1 Nov 201221:00BBC Radio nan Gàidheal