
Episode 7
Eachdraidh a' Chomuinn Ghàidhealaich eadar 1965 agus 1970. Còmhla ri Mairead Nic a' Phì. Tracing the history of An Comunn Gàidhealach between 1965 and 1970. With Margaret MacPhee.
Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.
Anns an t-seachdamh prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1965 agus 1970. An t-seachdain-s' trìuir a bha na laoich aig a' Chomunn a' cuimhneachadh air mar a bha iad a' sàs ann an obair a' Chomuinn - Dòmhnall Iain MacAoidh a bha na stiùiriche air a' Chomunn agus a thug atharrachadh agus ùrachadh air, Donnchadh Macleòid ag innse mun obair a bh' aige a' cumail fiosrachadh ri na meadhanan mu na bha An Comunn Gàidhealach a' dèanamh airson na Gàidhlig agus Seasaidh Camshron a' cuimhneachadh mar a chaidh dhan bhuidhean dràma Gàidhlig san robh i sna cuairtean deireannach de dhràma an SCDA anns na 60an. Am measg nan seinneadairean a chluinneas sinn bidh Iain Murchadh Moireasdan agus Màiri NicArtair.
Last on
Broadcasts
- Mon 1 Oct 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 1 Oct 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Oct 201213:00BBC Radio nan Gàidheal