
07/09/2012
Litir na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. This week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Clip
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh 686
Duration: 05:00
Litir do Luchd-ionnsachaidh 686
Bidh sibh eòlach air Gleann Moireastan ma tha sibh air an rathad a ghabhail eadar Loch Nis agus An t-Eilean Sgitheanach. Anns a’ ghleann, ri taobh an rathaid mhòir, tha càrn ann. Tha e os cionn an rathaid, agus tha àite-pàrcaidh ri a thaobh.
Tha an càrn mar chuimhneachan air gaisgeach Seumasach a chaill a bheatha ann an adhbhar a’ Phrionnsa ann an seachd ceud deug, ceathrad ’s a sia (1746). B’ esan Ruairidh MacCoinnich. Tha cuid dhen bheachd gun do shàbhail e beatha Theàrlaich Òig le a chuid gaisgeachd. Seo an stòiridh aige.
Chan ann às a’ Ghàidhealtachd a bha Ruairidh, ach à Dùn Èideann. Bha athair na uaireadairiche. Thathar a’ smaoineachadh gun robh Ruairidh fhèin na cheannaiche fiodha ann am Baile nam Feusgan. Tha dùil, mar sin, gun robh e eòlach air a’ Ghàidhealtachd, far an robh mòran de na coilltean coimeirsealta. Thathar a’ smaoineachadh cuideachd gun robh buntanas sinnsireil aige do Chinn Tàile, is gun robh e càirdeach do Chloinn ’ic Calmain an sin. A rèir choltais, bhiodh Clann ’ic Calmain à Cinn Tàile a’ gabhail “MacCoinnich” orra mar ainm nuair a bha iad taobh a-muigh na Gàidhealtachd.
Bha Ruairidh mar phàirt de dh’fheachd ainmeil Seumasach ris an cainte “Elcho Troop”. Bha iad uile à Mon Rois agus Dùn Èideann. A rèir aithris, bha Ruairidh cho coltach ri Teàrlach Òg Stiùbhart ann an dreach ’s gur ann tric a bhiodh daoine a’ smaoineachadh gum b’ esan am Prionnsa! B’ e sin a thug an cothrom dha a bhith na ghaisgeach.
Bha Elcho Troop aig Blàr Chùil Lodair. Às dèidh a’ bhatail, sgaoil iad, gach duine an urra ri a bheatha fhèin. Chan eilear cinnteach ciamar a fhuair Ruairidh e fhèin ann an Gleann Moireastan, ach bha e ann trì mìosan an dèidh a’ bhlàir. ’S dòcha gun robh e a’ dèanamh air Cinn Tàile. Leis gun robh e aithnichte mar Sheumasach, bha e air a mhàthair ’s a pheathraichean a chur ann an cunnart nan robh e air tilleadh a Dhùn Èideann.
Bha saighdearan dearga a’ dol timcheall na Gàidhealtachd a’ coimhead airson Theàrlaich Òig. Bha airgid-cinn air a’ Phrionnsa, luach trithead mìle not. Thachair feachd de shaighdearan ri Ruairidh ann an Gleann Moireastan agus bha còmhrag ann. Bha Ruairidh air a leòn gu dona. Dìreach mus d’ fhuair e bàs, dh’èigh e, “You have killed your Prince!”
Bha na saighdearan dhen bheachd gun robh iad air am Prionnsa a mharbhadh. Gheàrr iad ceann Ruairidh far a bhodhaig agus thug iad air falbh e, feuch dearbhadh gur e ceann Theàrlaich a bh’ ann. Bha Cumberland a’ smaoineachadh gun robh am Prionnsa marbh agus thill e a Shasainn.
Mu dheireadh thall, thuig an riaghaltas gun robh Teàrlach fhathast beò. Ach bha e air a dhol-às a dhèanamh, eadhon a’ cur seachad ùine ann an Gleann Moireastan mus d’ fhuair e aiseag chun na Frainge. Bha gaisgeachd Ruairidh air ùine a thoirt dha, agus ’s dòcha gun tug i cothrom dha teicheadh le a bheatha.
Air taobh eile an rathaid, taobh na h-aibhne, tha clach-uaighe ann. Tha i a’ comharrachadh an àite far an deach an còrr de bhodhaig Ruairidh a thiodhlacadh le muinntir an àite. Agus fhathast, anns an Iuchar a h-uile bliadhna, bidh feadhainn a’ tighinn cruinn còmhla aig an uaigh airson gaisgeachd Ruairidh MhicCoinnich a chuimhneachadh is a chomharrachadh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
ma tha sibh air an rathad a ghabhail eadar: if you have taken the road between; ri taobh an rathaid mhòir: beside the main road; tha àite-pàrcaidh ri a thaobh: there is a parking place beside it; mar chuimhneachan air gaisgeach Seumasach: a memorial to a Jacobite hero; ann an adhbhar a’ Phrionnsa: in the Prince’s cause; gun do shàbhail e beatha Theàrlaich Òig: that he saved Bonnie Prince Charlie’s life; [gun robh e] na cheannaiche fiodha ann am Baile nam Feusgan: [that he was] a timber merchant in Musselburgh; mòran de na coilltean coimeirsealta: many of the commercial forests; gun robh buntanas sinnsireil aige do Chinn Tàile: that he had ancestral connections to Kintail; cho coltach ri X ann an dreach: so like X in appearance; gum b’ esan am Prionnsa: that he was the Prince; gach duine an urra ri a bheatha fhèin: every man for himself; a’ dèanamh air Cinn Tàile: making for Kintail; leis gun robh e aithnichte mar Sheumasach: because he was known to be a Jacobite; mus d’ fhuair e bàs, dh’èigh e: before he died, he shouted; dhen bheachd gun robh iad air am Prionnsa a mharbhadh: thought they had killed the Prince; gheàrr iad ceann X far a bhodhaig: they cut X’s head from his body; feuch dearbhadh gur e ceann Theàrlaich a bh’ ann: to try and prove that it was Charles’s head; bha e air a dhol-às a dhèanamh: he had made his escape; taobh na h-aibhne, tha clach-uaighe ann: beside the river, there is a gravestone; airson gaisgeachd X a chuimhneachadh is a chomharrachadh: to remember and celebrate X’s bravery.
Puing-chànain na Litreach
Gnàthas-cainnt na Litreach
mus d’ fhuair e aiseag chun na Frainge:before he was ferried to France.
Tha “Litir do Luchd-ionnsachaidh” air a maoineachadh le MG ALBA
Broadcasts
- Fri 7 Sep 201211:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sat 8 Sep 201210:55BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Sep 201214:55BBC Radio nan Gàidheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Podcast
![]()
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.




