
Episode 3
Eachdraidh a' Chomuinn Ghàidhealaich eadar 1929 agus 1936. Còmhla ri Mairead Nic a' Phì. Tracing the history of An Comunn Gàidhealach between 1929 and 1936. With Margaret MacPhee.
Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den bhuidheann am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.
Anns an treas prògram san t-sreath tha Mairead a' coimhead ri na bliadhnaichean eadar 1929 agus 1936. 'S ann anns na bliadhnaichean sin a thòisich Càmpaichean Comunn na h-Òigridh agus tha Calum agus Seonag Nicleòid a' cuimhneachadh air nuair a bha iad fhèin dham frithealadh. Bha ùidh aig a' Chomunn Gàidhealach anns na gnìomhachasan beaga a bha dol sna h-eileanan agus tha Seonaidh Moireasdan a' bruidhinn air mar a chuir an Comunn Sìne NicLeòid à Grianaig a Nis a dh'ionnsachadh do mhuinntir na sgìre mar a dhèanadh iad rugaichean. Bha seo airson am brosnachadh gus iad fhèin an dèanamh agus cosnadh a dhèanamh asda. Agus tha Donnchadh 'Major' Moireasdan ag innse mar a fhuair e bursaraidh bhon Chomunn ann a 1932 airson trèineadh fhaighinn ann an ceòl. Am measg na seinneidearan a chluinneas sinn tha Madge NicIlleDhuinn agus Dòmhnall MacIosaig.
Last on
Clip
![]()
Donnchadh 'Major' Moireasdan
Duration: 03:40
Broadcasts
- Mon 3 Sep 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 3 Sep 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 9 Sep 201213:00BBC Radio nan Gàidheal
