
Episode 1
Eachdraidh a' Chomuinn Ghàidhealaich bho 1891 gu 1920. Còmhla ri Mairead Nic a' Phì. Archive series commemorating 100 years of An Comunn Gàidhealach in 1991. With Margaret MacPhee.
Tha an Comunn Gàidhealach a' comharrachadh 120 bliadhna den Mhòd am bliadhna. Anns an t-sreath-sa à tasglann a' BhBC, a chaidh a chraoladh ann a 1991 agus An Comunn a' comharrachadh 100 bliadhna, tha Mairead Nic a' Phì a' coimhead ri eachdraidh na buidhne.
Anns a' chiad phrògram tha Mairead a' dol air ais gu toiseach tòiseachaidh agus a' mìneachadh mar a thàinig a' bhuidheann gu bith anns an Òban ann a 1891. Bha iad gu mòr a' coimhead ri foghlam Gàidhlig agus ag iomart airson barrachd Gàidhlig a bhith air a theagasg sna sgoiltean. Anns a' phògram cluinnidh sinn cò ris a bha foghlam coltach ann 1874 bho chlann à Sgoil Bhagh a' Chaisteil agus mu obair a' Chomuinn anns an bliadhnaichean tràth bho Dhòmhnall Iain MacÌomhair. Gheibhear cuideachd fiosrachadh mu chuid de na duaisean aig na Mòdan sna bliadhnaichean sin agus blasad de na seinneadairean.
Last on
More episodes
Previous
You are at the first episode
Next
Clip
![]()
Dòmhnall Iain MacÌomhair
Duration: 03:50
Broadcasts
- Mon 20 Aug 201213:30BBC Radio nan Gàidheal
- Mon 20 Aug 201222:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Aug 201213:00BBC Radio nan Gàidheal
