
Taghadh Màiri NicAonghais
Taghadh Màiri NicAonghais à tasglann Choinnich MhicÌomhair. Mairi MacInnes chooses a programme from the Kenny Maciver programme archive.
Eadar seo ‘s deireadh na mìos tha sinn air cothrom a thoirt do dhà no thrì dhaoine an taghadh fhèin a dhèanamh à tasglann Choinnich MhicÌomhair, agus am prògram air an aidhear naoi bliadhna fichead. An-diugh 's i Màiri NicAonghais a tha a’ taghadh prògram a chòrd rithe fhèin - Slighe na Beinne, a chaidh a chlàradh aig seachdain Ceòlas ann an 2012.
Cluinnidh sinn cuimhneachain Ruairidh Seonstan agus Màiri NicAmhlaigh air làithean an òige ann an sgìre a' Chaolais ann an Taobh an Ear Thuath Uibhist a Deas.
Bidh Dòmhnall Ruairidh MacRuairidh gar stiùireadh tron mhòinteach air slighe-coise gu seann taigh-sgoile a' Chaolais agus gheibh sinn sgeulachd Cailleach Airidh an t-Sluic bho Dhòmhnall MacRuairidh.
Tha iomradh cuideachd air na h-amasan bha fa chomhair Ceòlas aig an àm bho Mhàiri fhèin, mar chathraiche na buidhne.
Last on
More episodes
Next
Broadcasts
- Thu 2 Aug 201209:03BBC Radio nan Gàidheal
- Thu 2 Aug 201221:00BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 25 Sep 201209:03BBC Radio nan Gàidheal
- Tue 25 Sep 201221:03BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Mar 202209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Wed 23 Mar 202221:00BBC Radio nan Gàidheal
