Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mgr Iain P MacFhionghain

Seirbheis còmhla ri Mgr Iain P MacFhionghain, Eaglais Reul na Mara, Bàgh a' Chaisteil. Gaelic religious service with Fr John P MacKinnon, Our Lady Star of the Sea, Castlebay.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:

Màiri C NicNèill a' seinn Do Làmh a Chrìosda

Còisir Eaglais Naomh Bàrr - Salm32 - Tha'n Tighearna a' lìonadh na talmhainn

Kathleen Ghreumach - Soillse air mo Smuain

Seumas Caimbeul - Ùrnaigh Naomh Francis

Còisir Eaglais Naomh Bàrr - O Thoir Mi Null Gud Chridhe Naomh

Leughaidhean:
Isaiah 55: 1-3 & 6-9
Litir Naomh Phòil chun nam Philipianach 4: 6-9

Soisgeul:
Mata 6: 24-34.

Rugadh Mgr Iain Pòl ann an Dalabrog an Uibhist a Deas agus chaidh a thogail san sgìre sin gus an robh e ochd deug. Chaidh oideachadh ann am Bun-Sgoil Dhalabroig agus ann an Sgoil Lionacleit.
Bha ùidh riamh aige ann an obair na sagartachd agus bhiodh e a' cur seachad tòrr ùine a' sàs ann an gnothaichean na h-eaglaise na òige. Aig ochd deug rinn e co-dhùnadh gur e seo an t-slighe a bha e airson a leantainn agus chaidh e do Cholaiste Rìoghail na Sagartachd ann an Salamanca sa Spàinn airson trèanadh. Bha Mgr Iain Pòl seachd bliadhna sa Spàinn mus tàinig e a-mach na shagart air an 24 den Ògmhios 1999, agus ghabh e a bhòidean san eaglais far an deach a thogail, Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog.
Bha Mgr Iain Pòl stèidhichte aig Eaglais Naomh Moire ann am Beinn a' Bhaoghla airson a' chiad seachd mìosan agus chaidh an uairsin a ghluasad gu Eaglais Naomh Mun ann an Dùn Omhain na shagart-cuideachaidh. Às dèidh dà bhliadhna chaidh a chuir na shagart paraiste air Eaglais Naomh Moire agus Calum Cille ann an Ceann a' Ghiùthsaich agus cuideachd a' frithealadh paraistean an Aghaidh Mhòir agus Bhail' Ùr nan Granndach. Chur e seachad ùine cuideachd na shagart paraiste ann am Bail' a' Chaolais mus deach a ghluasad a Bhàgh a' Chaisteil. Tha Mgr Iain Pòl an-diugh a' coimhead às dèidh na paraistean air fad a th' aig an eaglais ann am Barraigh.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 15 Jul 201209:00
  • Sun 15 Jul 201215:00
  • Sun 30 Nov 202521:00