Dèanamaid Adhradh Tasglann
An t-Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn a' comharrachadh 30 bliadhna bho thàinig Cogadh na h-Eileanan Fàclannach gu crìch. Service to commemorate 30 years since the Falklands War ended.
Ann an Dèanamaid Adhradh à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo tha sinn a' cuimhneachadh air an Urr Aonghas Mac a' Ghobhainn a bhàsaich san Dùbhlachd an-uiridh. Cluinnidh sibh seirbheis a chaidh a chlàradh còmhla ris ann an 2012 a' cuimhneachadh deich bliadhna fichead bho thàinig cogadh na h-Eileanan Fàclannach gu crìch nuair a bha e na mhinistear airm.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 46: 1-2 air fonn Stroudwater agus os cionn na seinn tha an t-Urramach Raghnall Moireasdan le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh.
Còisir Eaglais Naomh Moire ann am Beinn na Faoghla a' seinn Laoidh Chaluim Chille.
Còisir Ghàidhlig Ileach Ghlaschu a' seinn an laoidh 'S e Rìgh a' Ghràidh mo Bhuachaille.
Seumas Greumach a' seinn Nam Aonar le Mo Smuaintean.
Leughadh:
Salm 27: 1-6 & 13 & 14 & Lucas 14: 31-33
Ceann teagaisg:
Lucas 14: 31-33
Bhàsaich an t-Urramach Aonghas Mac a' Ghobhainn air 16 Dùbhlachd 2025.
Chuir Mgr Mac a' Ghobhainn seachad a' chuid bu mhotha de mhinistrealachd san airm. Bha e a' frithealadh rèisimeidean leithid Rèisimeid na Banrigh anns a' Ghearmailt, Èirinn a Tuath, agus sna h-Eileanan Fàclannach agus bha e cuideachd na thaic aig rèisimeidean air feadh na dùthcha eadar Sasann is Alba. Bho àm gu àm bhiodh e a' dol còmhla ri seann saighdearan agus bhiodh e os cionn seirbheisean cuimhneachaidh anns an Fhraing agus àiteachan eile. Dh'fhàg e an t-arm san Lùnastal 1991.
'S ann do sgìre Cheòis air na Lochan ann an Leòdhas a bhuineadh Mgr Mac a' Ghobhainn. Chaidh e gu Bun-sgoil Chnoc Iain Duibh, Àrd-sgoil MhicNeacail agus gu Oilthighean Ghlaschu agus Obar Dheathain.
Chaidh a phòsadh ri clèir Uibhist agus bha e a' frithealadh coitheanal Bheinn na Faoghla, far an robh e cuideachd na mhinistear aig ionad an airm, mas deach e a fhrithealadh rèisimeidean thall 's a bhos chun Lùnastal 1991.
Mìos às dèidh dha an t-arm fhàgail thòisich Mgr Mac a' Ghobhainn na mhinistear-cuideachaidh aig gnìomhachas na h-ola far an robh e stèidhichte ann an Obar Dheathain. Bha an obair aige mar mhinistear-cuideachaidh ga thoirt a-mach gu cruinn-ola sa Chuan a Tuath agus ann am Bàgh Poll a' Ghrùthain a latha agus a dh'oidhche. 'S iomadh Nollaig a chuir e seachad air clàr-ola ann an droch thìde còmhla ris an luchd-obrach. Bha e an sin gus an do leig e dheth a dhreuchd anns a' Mhàirt 2006.
Às dèidh a dhreuchd a leigeil dheth bha Mgr Mac a' Ghobhainn a' fuireach ann an Dùn Èideann, ach bha obair na ministrealachd fhathast ga chumail trang eadar a bhith a' searmonachadh anns a' Ghàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann agus a' dèanamh sheirbheisean fhathast airson an airm agus a' toirt taic dhaibhsan a tha air fulang air sgàth a bhith san arm, neo a tha air buill dhen teaghlaichean a chall ri linn 's gun robh iad anns an arm.
Nuair a bhiodh ùine aige dha fhèin bhiodh e a' cur seachad tòrr ùine còmhla ri theaghlach - bha ceathrar mhic aige fhèin 's a bhean, Seonag. Bhiodh e cuideachd a' cur seachad tòrr ùine a' leughadh - gu h-àraidh leabhraichean air diadhachd - a' tadhal air an leabharlann agus ann an ionadan ealain. Bha ùidh mhòr aige ann an ceòl bho phuirt-a-beul gu ceòl clasaigeach agus, a bharrachd air an sin, bha e a' còrdadh ris a bhith a' tadhal air eaglaisean, a' sreap bheanntan agus a' cumail sùil air a' mhuir.
Last on
Broadcasts
- Sun 17 Jun 201209:00BBC Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Jun 201215:00BBC Radio nan Gàidheal
- Yesterday21:00BBC Radio nan Gàidheal
